Revelation 16:18 — Compare Translations

4 translations compared side by side

Gaelic (Scottish) (An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017 )
Agus bha dealanaich is fuaimean is tàirneanaich ann, agus thachair crith‑thalmhainn mhòr, a leithid is nach robh ann on a bha daoine air an talamh — crith‑thalmhainn cho cumhachdach, is cho mòr.
Gaelic - Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
Agus bha guthan, agus tàirneanaich, agus dealanaich ann; agus bha crith-thalmhainn mhòr ann, nach robh a leithid ann o bha daoine air an talamh, a samhail de chrith-thalmhainn cho mòr.
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
Agus bha guthan, agus tàirneanaich, agus dealanaich ann; agus bha crith‐thalmhainn mhòr ann, nach robh a leithid ann o bha daoine air an talamh, a samhail de chrith‐thalmhainn cho mòr.
Gaelic Scottish (Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875)
ʼS bha dealanaich ann, us guthan, us tairneanaich; ʼs bha crith-thalmhuinn mhor ann, nach robh riamh a leithid bhon a bha daoine air an talamh, a leithid de chrith-thalmhuinn cho mor.