Revelation 16:21 — Compare Translations
4 translations compared side by side
Gaelic (Scottish) (An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017 )
Agus thuit clachan‑meallain mòra sìos o nèamh — anns an robh ceathrad cileagram de chuideam — air na daoine, agus thug na daoine toibheum do Dhia airson na plàigh chlach‑mheallain, oir bha i na plàigh fìor mhòr.
Gaelic - Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
Agus thàinig clachan-meallain mòra a‑nuas o nèamh air daoine, gach clach cho trom ri tàlann: agus thug daoine toibheum do Dhia, airson plàigh nan clachan-meallain; oir bha am plàigh ro‑mhòr.
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
Agus thàinig clachan‐meallain mòra a‑nuas o nèamh air daoine, gach clach cho trom ri tàlann: agus thug daoine toibheum do Dhia, airson plàigh nan clachan‐meallain; oir bha am plàigh ro‑mhòr.
Gaelic Scottish (Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875)
Agus thuit clachan-meallain mora mar thàlann bho neamh air daoine; ʼs thug daoine toibheum do Dhia as leth plaigh nan clachan-meallain: oir bha i anabarrach mor.