Revelation 17:3 — Compare Translations

4 translations compared side by side

Gaelic (Scottish) (An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017 )
Agus ghiùlain e mi air falbh dhan fhàsaich san spiorad agus chunnaic mi boireannach na suidhe air biast sgàrlaid a bha làn de dh'ainmean toibheumach, 's air an robh seachd cinn is deich adhaircean.
Gaelic - Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
Agus thug e leis mi anns an spiorad don fhàsach: agus chunnaic mi bean na suidhe air fiadh-bheathach air dhath sgàrlaid, làn de ainmean toibheim, air an robh seachd cinn agus deich adhaircean.
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
Agus thug e leis mi anns an spiorad don fhàsach: agus chunnaic mi bean na suidhe air fiadh‐bheathach air dhath sgàrlaid, làn de ainmean toibheim, air an robh seachd cinn agus deich adhaircean.
Gaelic Scottish (Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875)
ʼS thug e mi anns an spiorad do ʼn fhasach. Agus chunnaic mi boirionnach ʼna suidhe air uilebheist air dhath sgarlaide, lan ainmeannan toibheum, air an robh seachd cinn ʼs deich adhaircean.