Revelation 17:7 — Compare Translations
4 translations compared side by side
Gaelic (Scottish) (An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017 )
Agus thuirt an t‑aingeal rium, “Carson a ghabh thu iongnadh? Innsidh mise dhut dìomhaireachd a' bhoireannaich 's na bèiste a tha ga giùlan, air a bheil seachd cinn is deich adhaircean.
Gaelic - Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
Agus thubhairt an t‑aingeal rium, Carson a ghabh thu iongantas? Innsidh mise dhut rùn-diamhair na mnà, agus an fhiadh-bheathaich a tha ga giùlan, air a bheil na seachd cinn agus na deich adhaircean.
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
Agus thubhairt an t‑aingeal rium, Carson a ghabh thu iongantas? Innsidh mise dhut rùn‐diamhair na mnà, agus an fhiadh‐bheathaich a tha ga giùlan, air a bheil na seachd cinn agus na deich adhaircean.
Gaelic Scottish (Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875)
Us thuirt an t-aingeal rium: Car-son a tha iongantas ort? Innsidh mi dhut mistire a bhoirionnaich, ʼs na beiste a tha ga giulan, air a bheil na seachd cinn ʼs na deich adhaircean.