Revelation 17:8 — Compare Translations

4 translations compared side by side

Gaelic (Scottish) (An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017 )
A' bhiast a chunnaic thu, bha i ann 's chan eil i ann, agus tha i gus tighinn a‑nìos às an Àibheis agus gus a dhol gu sgrios. Agus bidh iadsan a tha a' còmhnaidh air an talamh — aig a bheil ainmean nach eil air an sgrìobhadh ann an leabhar na beatha o thoiseach an t‑saoghail — fo iongnadh, nuair a chì iad a' bhiast a bha ann agus nach eil ann agus a bhitheas ann.
Gaelic - Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
Am fiadh-bheathach a chunnaic thu, bha e, agus chan eil e ann; agus èiridh e suas à sloc an dubh-aigein, agus thèid e am mugha: agus gabhaidh luchd-àiteachaidh na talmhainn (aig nach eil an ainmean sgrìobhte ann an leabhar na beatha o thoiseach an t‑saoghail), iongantas, nuair a chì iad am fiadh-bheathach a bha, agus nach eil agus a bhitheas ann.
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
Am fiadh‐bheathach a chunnaic thu, bha e, agus chan eil e ann; agus èiridh e suas à sloc an dubh‐aigein, agus thèid e am mugha: agus gabhaidh luchd‐àiteachaidh na talmhainn (aig nach eil an ainmean sgrìobhte ann an leabhar na beatha o thoiseach an t‑saoghail), iongantas, nuair a chì iad am fiadh‐bheathach a bha, agus nach eil agus a bhitheas ann.
Gaelic Scottish (Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875)
An t-uilebheist a chunnaic thu, bha e, ʼs cha n-eil, us tha e gu eirigh a nuas as an t-sloc gun ghrunnd, agus theid e gu leir-sgrios; us gabhaidh luchd-comhnuidh an talmhuinn (aig nach eil an ainmeannan sgriobhte an leabhar na beatha bho chruthachadh an t-saoghail) iongantas ri faicinn an uilebheist a bha, ʼs nach eil ann.