Revelation 18:16 — Compare Translations

4 translations compared side by side

Gaelic (Scottish) (An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017 )
ag ràdh: “‘Is mairg, is mairg am baile mòr, a chòmhdaich e fhèin ann an anart mìn is purpaidh is sgàrlaid agus a bh' air a sgeadachadh ann an òr is clach phrìseil is nèamhnaidean.
Gaelic - Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
Agus ag ràdh, Is truagh am baile mòr sin, a bha air a sgeadachadh le lìon-aodach grinn, agus purpar, agus sgàrlaid, agus a bha air a dhèanamh brèagha le òr, agus le clachan luachmhor, agus le neamhnaidean!
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
Agus ag ràdh, Is truagh am baile mòr sin, a bha air a sgeadachadh le lìon‐aodach grinn, agus purpar, agus sgàrlaid, agus a bha air a dhèanamh brèagha le òr, agus le clachan luachmhor, agus le neamhnaidean!
Gaelic Scottish (Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875)
Agus a g-radh: Och, och am baile mor ud, a bha air eideadh le anart grinn, ʼs le purpaidh, ʼs le sgarlaid, ʼsa bha air a dhealrachadh le òr, ʼs le clachan luachmhor, ʼs le neamhnuidean: