Revelation 18:21 — Compare Translations
4 translations compared side by side
Gaelic (Scottish) (An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017 )
Agus thog aingeal làidir clach mar chlach‑mhuilinn mhòr agus thilg e dhan mhuir i, ag ràdh: “Mar seo, le fòirneart, thèid Bàbilon am baile mòr a thilgeil sìos, agus cha tèid a lorg tuilleadh.
Gaelic - Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
Agus thog aingeal treun clach mar chloich-mhuilinn mhòir, agus thilg e anns an fhairge i, ag ràdh, Is ann mar seo le neart a thilgear sìos am baile mòr sin Bàbilon, agus chan fhaighear e nas mò.
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
Agus thog aingeal treun clach mar chloich‐mhuilinn mhòir, agus thilg e anns an fhairge i, ag ràdh, Is ann mar seo le neart a thilgear sìos am baile mòr sin Bàbilon, agus chan fhaighear e nas mò.
Gaelic Scottish (Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875)
Us thog aingeal treun clach mar chloich-mhuilinn mhoir, us thilg e anns a mhuir i, a g-radh: Le urchair mar so tilgear sios Babilon, am baile mor sin, us tuilleadh idir cha n-fhaighear i.