Revelation 19:10 — Compare Translations
4 translations compared side by side
Gaelic (Scottish) (An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017 )
Agus thuit mi mu choinneamh a chasan gus adhradh a dhèanamh dha, agus thuirt e rium, “Faic nach dèan thu sin, oir is e co‑sheirbheiseach dhut a th' annamsa agus dhad bhràithrean, iadsan aig a bheil teisteanas Ìosa. Dèan adhradh do Dhia, oir is e teisteanas Ìosa spiorad na fàidheadaireachd.”
Gaelic - Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
Agus thuit mi sìos aig a chasan a‑chum adhradh a dhèanamh dha: agus thubhairt e rium, Feuch nach dèan thu e: is co‑sheirbhiseach dhut fhèin mise, agus dod bhràithrean aig a bheil fianais Iosa: dèan adhradh do Dhia: oir is i fianais Iosa spiorad na fàidheadaireachd.
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
Agus thuit mi sìos aig a chasan a‑chum adhradh a dhèanamh dha: agus thubhairt e rium, Feuch nach dèan thu e: is co‑sheirbhiseach dhut fhèin mise, agus dod bhràithrean aig a bheil fianais Iosa: dèan adhradh do Dhia: oir is i fianais Iosa spiorad na fàidheadaireachd.
Gaelic Scottish (Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875)
Us thuit mi sios aig a chasan gu aoradh a thoirt da. Us thuirt e rium: Fiach nach dian thu e: is mise do cho-sheirbhiseach, ʼs fear dhe do bhraithrean aig a bheil teisteanas Iosa. Thoir aoradh do Dhia. Oir se teisteanas Iosa spiorad na faisneachd.