Revelation 19:20 — Compare Translations
4 translations compared side by side
Gaelic (Scottish) (An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017 )
Agus bha a' bhiast air a glacadh, agus còmhla rithe, am fàidh‑brèige a rinn comharraidhean ma coinneamh, leis an do mheall e iadsan a bh' air comharra na bèiste fhaighinn agus iadsan a rinn adhradh dha h‑ìomhaigh. Agus chaidh an dithis aca a thilgeil beò dhan loch theine a tha a' losgadh le pronnasg.
Gaelic - Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
Agus ghlacadh am fiadh-bheathach, agus maille ris-san am fàidh-brèige a rinn mìorbhailean na làthair, leis an do mheall e an dream a ghabh orra comharradh an fhiadh-bheathaich, agus iadsan a rinn adhradh da ìomhaigh. Thilgeadh iad sin nan dithis beò ann an loch teine a’ dearg-lasadh le pronnasg.
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
Agus ghlacadh am fiadh‐bheathach, agus maille ris‐san am fàidh‐brèige a rinn mìorbhailean na làthair, leis an do mheall e an dream a ghabh orra comharradh an fhiadh‐bheathaich, agus iadsan a rinn adhradh da ìomhaigh. Thilgeadh iad sin nan dithis beò ann an loch teine a’ dearg‐lasadh le pronnasg.
Gaelic Scottish (Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875)
Us rugadh air an uilebheist, ʼs air an fhaidh-bhreige maille ris, a rinn comharraidhnean ʼna lathair, leis na mheall e an fheadhainn a ghabh comharradh an uilebheist, ʼsa thug aoradh dha iomhaigh. Thilgeadh an dithis sin beo anns an lochan theine a tha losgadh le pronnastul.