Revelation 19:21 — Compare Translations
4 translations compared side by side
Gaelic (Scottish) (An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017 )
Agus chaidh an còrr a mharbhadh leis a' chlaidheamh a tha a' tighinn a‑mach à beul an fhir a tha na shuidhe air an each. Agus chaidh an eunlaith gu lèir a shàsachadh leis an fheòil aca.
Gaelic - Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
Agus mharbhadh a’ chuid eile le claidheamh an Tì a bha na shuidhe air an each, a thàinig a‑mach as a bheul: agus bha an eunlaith uile air an lìonadh lem feòil.
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
Agus mharbhadh a’ chuid eile le claidheamh an Tì a bha na shuidhe air an each, a thàinig a‑mach as a bheul: agus bha an eunlaith uile air an lìonadh lem feòil.
Gaelic Scottish (Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875)
Agus mharbhadh a chuid eile leis a chlaidheamh, a thainig a mach as a bhial-san a shuidh air an each; us lionadh na h-eoin uile le ʼm feoil.