Revelation 2:10 — Compare Translations

4 translations compared side by side

Gaelic (Scottish) (An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017 )
Na biodh eagal idir ort o na tha thu dol a dh'fhulang. Seall! Tha Sàtan gus cuid agaibh a thilgeil dhan phrìosan gus an tèid ur dearbhadh, agus bidh trioblaid agaibh airson deich latha. Bi dìleas gu bàs, agus bheir mi crùn na beatha dhut.
Gaelic - Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
Na biodh eagal ort ro aon de na nithean sin a dh’fhuilingeas tu: feuch, tilgidh an diabhal cuid dhibh ann am prìosan, a‑chum gun dearbhar sibh; agus bidh àmhghar agaibh rè deich làithean: bi‑sa fìrinneach gu bàs, agus bheir mise dhut crùn na beatha.
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
Na biodh eagal ort ro aon de na nithean sin a dh’fhuilingeas tu: feuch, tilgidh an diabhal cuid dhibh ann am prìosan, a‑chum gun dearbhar sibh; agus bidh àmhghar agaibh rè deich làithean: bi‑sa fìrinneach gu bàs, agus bheir mise dhut crùn na beatha.
Gaelic Scottish (Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875)
Na gabh eagal á ni dhiu sin a tha thu gu fulang. Fiach, tilgidh an deomhan cuid dhibh am priosan, gu diachuinn a chur oirbh; us bithidh sibh ann an càs deich latha. Bi-sa dileas gu bàs, agus bheir mi dhut, crùn na beatha.