Revelation 2:20 — Compare Translations
4 translations compared side by side
Gaelic (Scottish) (An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017 )
Ach tha seo agam nad aghaidh, gu bheil thu a' fulang a' bhoireannaich ud, Iesebel, a tha a' gabhail ban‑fhàidh oirre fhèin, agus a tha a' teagasg 's a' mealladh mo sheirbheisich gus strìopachas a dhèanamh agus rudan a th' air ìobradh do dh'iodhalan ithe.
Gaelic - Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
Gidheadh, tha agam beagan de nithean ad aghaidh, gu bheil thu a’ fulang don mhnaoi sin Iesebel, a tha ag ràdh gur ban-fhàidh i fhèin, mo sheirbhisich a theagasg agus a mhealladh a‑chum strìopachas a dhèanamh, agus nithean, a dh’ìobradh do iodhalan, ithe.
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
Gidheadh, tha agam beagan de nithean ad aghaidh, gu bheil thu a’ fulang don mhnaoi sin Iesebel, a tha ag ràdh gur ban‐fhàidh i fhèin, mo sheirbhisich a theagasg agus a mhealladh a‑chum strìopachas a dhèanamh, agus nithean, a dh’ìobradh do iodhalan, ithe.
Gaelic Scottish (Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875)
Ach tha beagan agam ad aghaidh: gum beil thu leigeil leis a bhoirionnach Iesabel, a tha g-radh gur ban-fhaidh i fhein, mo sheirbhisich a theagasg, sa mhealladh gu striopachas a dhianamh, ʼs gu nichean a dhʼ iobradh do iodholan iche.