Revelation 21:19 — Compare Translations
4 translations compared side by side
Gaelic (Scottish) (An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017 )
Bha bunaitean balla a bhaile air an sgeadachadh leis a h‑uile seòrsa cloich phrìseil, a' chiad bhunait de dh'iaspar, an dara de shaphir, and treas de chalsedon, an ceathreamh de dh'emerald,
Gaelic - Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
Agus bha bunaitean balla a’ bhaile air an dèanamh sgiamhach leis gach uile ghnè chlachan luachmhor. Bu iasper an ciad bunait; bu shaphir an dara; bu chalcedon an treas; b’emerald an ceathramh bunait;
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
Agus bha bunaitean balla a’ bhaile air an dèanamh sgiamhach leis gach uile ghnè chlachan luachmhor. Bu iasper an ciad bunait; bu shaphir an dara; bu chalcedon an treas; b’emerald an ceathramh bunait;
Gaelic Scottish (Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875)
ʼS bha steidhean balla a bhaile sgeimheach leis a h-uile seorsa de chlachan luachmhor. Bʼ i a chiad steidh iaspar; an ath thé, sapphir; an treas té, calcedonics; an ceathramh té, emerald;