Revelation 21:6 — Compare Translations

4 translations compared side by side

Gaelic (Scottish) (An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017 )
Agus thuirt e rium, “Tha seo dèante, Is mise an t‑Alpha 's an t‑Omega, an toiseach 's an deireadh. Bheir mise dhàsan air a bheil pathadh, de dh'fhuaran uisge na beatha, an asgaidh.
Gaelic - Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
Agus thubhairt e rium, Tha e dèante. Is mise Alpha agus Omega, an toiseach agus a’ chrìoch: bheir mi dhàsan, air a bheil tart, de thobar uisge na beatha gu saor.
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
Agus thubhairt e rium, Tha e dèante. Is mise Alpha agus Omega, an toiseach agus a’ chrìoch: bheir mi dhàsan, air a bheil tart, de thobar uisge na beatha gu saor.
Gaelic Scottish (Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875)
Agus thuirt e rium: Tha e diante. Is mise Alpha agus Omega, an toiseach agus a chrioch. Dhasan air a bheil pathadh bheir mi de thobar uisge na beatha a nasgaidh.