Revelation 6:11 — Compare Translations
4 translations compared side by side
Gaelic (Scottish) (An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017 )
Agus chaidh culaidhean geala a thoirt do gach neach dhiubh agus chaidh a chantainn riutha fois a ghabhail airson ùine bhig fhathast, gus an deigheadh àireamh an co‑sheirbheisich 's am bràithrean cuideachd a choileanadh, iadsan a bha gus a bhith air am marbhadh mar a bha iad fhèin.
Gaelic - Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
Agus thugadh do gach aon dhiubh trusganan fada geala, agus chaidh a ràdh riu, iad a ghabhail fois fhathast rè ùine bhig, gus am biodh an co‑sheirbhisich mar an ceudna, agus am bràithrean a rachadh a mharbhadh mar a chaidh iadsan, air an coileanadh.
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
Agus thugadh do gach aon dhiubh trusganan fada geala, agus chaidh a ràdh riu, iad a ghabhail fois fhathast rè ùine bhig, gus am biodh an co‑sheirbhisich mar an ceudna, agus am bràithrean a rachadh a mharbhadh mar a chaidh iadsan, air an coileanadh.
Gaelic Scottish (Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875)
Agus thugadh trusgan geal do gach aon aca; us thuirteadh riu, iad a ghabhail foise tacan fhathast, gus an dianteadh suas aireamh an co-sheirbhiseach, ʼs am braithrean, a tha ri ʼm marbhadh ionann ʼs iad fhein.