Revelation 6:8 — Compare Translations
4 translations compared side by side
Gaelic (Scottish) (An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017 )
Agus chunnaic mi, agus seall, each glas, agus b' e ainm an neach a bha na shuidhe air, Am Bàs, agus bha Ifrinn ga leantainn. Agus chaidh ùghdarras a thoirt dhaibh thairis air a' cheathramh pàirt dhen talamh, gus a bhith a' marbhadh leis a' chlaidheamh, is le gort, is leis a' bhàs, is le beathaichean fiadhaich na talmhainn.
Gaelic - Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
Agus dh’amhairc mi, agus, feuch, each glas; agus b’e ainm an tì a shuidh air, am Bàs, agus lean ifrinn na chuideachd: agus thugadh dhaibh-san cumhachd air a’ cheathramh cuid den talamh a mharbhadh le claidheamh, agus le gorta, agus le bàs, agus le fiadh-bheathaichean na talmhainn.
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
Agus dh’amhairc mi, agus, feuch, each glas; agus b’e ainm an tì a shuidh air, am Bàs, agus lean ifrinn na chuideachd: agus thugadh dhaibh‐san cumhachd air a’ cheathramh cuid den talamh a mharbhadh le claidheamh, agus le gorta, agus le bàs, agus le fiadh‐bheathaichean na talmhainn.
Gaelic Scottish (Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875)
Agus seall each glas-neulach; ʼs bʼ e ainm-san, a bha air a mhuin, am Bàs, agus bha iutharna ga leantuinn, us thugadh cumhachd dha thairis air ceithir earrannan an talmhuinn, gu marbhadh leis a chlaidheamh, le gorta, ʼs le bàs, ʼs le fiadh-bheathaichean an talmhuinn.