Romans 12:2 — Compare Translations
4 translations compared side by side
Gaelic (Scottish) (An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017 )
Na bithibh air ur cumadh ris an t‑saoghal seo, ach bithibh air ur cruth‑atharrachadh tro ath‑nuadhachadh ur n‑inntinn, airson 's gun dearbh sibh dè toil Dhè — dè a tha math is iomchaidh is coileanta.
Gaelic - Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
Agus na bithibh air ur cumadh ris an t‑saoghal seo: ach bithibh air ur cruth-atharrachadh tre ath-nuadhachadh ur n‑inntinn, a‑chum gun dearbh sibh ciod i toil mhath, thaitneach, agus dhiongmhalta sin Dhè.
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
Agus na bithibh air ur cumadh ris an t‑saoghal seo: ach bithibh air ur cruth‐atharrachadh tre ath‐nuadhachadh ur n‑inntinn, a‑chum gun dearbh sibh ciod i toil mhath, thaitneach, agus dhiongmhalta sin Dhè.
Gaelic Scottish (Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875)
Na bithibh air ur cumadh ris an t-saoghal so, ach bithibh air ur n-ath-chumadh ann an urachd ur n-inntinn, los gun dearbh sibh ciod e toil mhath, agus thaitneach, agus choimhlion Dhe.