Romans 13:9 — Compare Translations

4 translations compared side by side

Gaelic (Scottish) (An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017 )
Tha na h‑àitheantan, “Na dèan adhaltranas, na dèan murt, na dèan goid, na sanntaich,” agus àithne sam bith eile, air an cur ann an geàrr‑chunntas mar seo, “Gràdhaichidh tu do choimhearsnach mar thu fhèin.”
Gaelic - Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
Oir an nì seo, Na dèan adhaltranas, Na dèan mort, Na goid, Na dèan fianais bhrèige, Na sanntaich; agus ma tha àithne sam bith eile ann, tha i air a cur sìos gu h‑aithghearr fon fhacal seo, Gràdhaich do choimhearsnach mar thu fhèin.
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
Oir an nì seo, Na dèan adhaltranas, Na dèan mort, Na goid, Na dèan fianais bhrèige, Na sanntaich; agus ma tha àithne sam bith eile ann, tha i air a cur sìos gu h‑aithghearr fon fhacal seo, Gràdhaich do choimhearsnach mar thu fhèin.
Gaelic Scottish (Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875)
Oir: Na dian adhaltras: Na dian marbhadh: Na dian goid: Na tog fianuis bhreige: Na sanntaich; no ma tha fainte sa bith eile ann, tha i air a toirt a stigh fo ʼn fhacal so: Bheir thu gaol dha dʼ choimhearsnach mar dhut fhein.