Romans 15:14 — Compare Translations

4 translations compared side by side

Gaelic (Scottish) (An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017 )
Tha mise mi fhèin dearbhte mur deidhinn, mo bhràithrean, gu bheil sibhse sib' fhèin làn maith, air ur lìonadh leis a h‑uile h‑eòlas agus an comas càch‑a‑chèile earalachadh.
Gaelic - Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
Agus tha cinnt agamsa fhèin dur taobh-se, mo bhràithrean, gu bheil sibh làn de mhaitheas, air ur lìonadh leis an uile eòlas, agus comasach mar an ceudna air a chèile a chomhairleachadh.
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
Agus tha cinnt agamsa fhèin dur taobh‐se, mo bhràithrean, gu bheil sibh làn de mhaitheas, air ur lìonadh leis an uile eòlas, agus comasach mar an ceudna air a chèile a chomhairleachadh.
Gaelic Scottish (Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875)
ʼS tha mise fhein, mo bhraithrean, cinnteach asaibh, gum beil sibh lan graidh, air ur lionadh leis a h-uile eolas, air sheol ʼs gur urrainn duibh a cheile a chomhairleachadh.