Romans 15:27 — Compare Translations
4 translations compared side by side
Gaelic (Scottish) (An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017 )
Oir bha iad toilichte, agus tha iad fo fhiachan dhaibh. Oir ma thàinig na Cinnich gus a bhith a' faighinn roinn sna gnothaichean spioradail acasan, bu chòir dhaibh cuideachd a bhith a' frithealadh dhaibhsan ann an gnothaichean an t‑saoghail seo.
Gaelic - Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
Bu toil leo gu deimhinn, agus tha iad fo fhiachan dhaibh. Oir ma rinneadh na Cinnich nan luchd-compàirt den nithean spioradail-san, is còir dhaibh ministrealachd a dhèanamh dhaibhsan anns na nithean a bhuineas don cholainn.
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
Bu toil leo gu deimhinn, agus tha iad fo fhiachan dhaibh. Oir ma rinneadh na Cinnich nan luchd‐compàirt den nithean spioradail‐san, is còir dhaibh ministrealachd a dhèanamh dhaibhsan anns na nithean a bhuineas don cholainn.
Gaelic Scottish (Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875)
Oir bʼ e so an toil: agus tha iad fo fhiachan dhaibh. Oir ma rinneadh na cinnich ʼnan comhpairtich de na nichean spioradail aca-san thigeadh orra frithealadh dhaibhse sna nichean aimsireil.