Romans 3:25 — Compare Translations
4 translations compared side by side
Gaelic (Scottish) (An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017 )
a rùnaich Dia mar ìobairt‑rèitich leis an fhuil aige, air a shealbhachadh tro chreideamh. Bha seo airson fìreantachd Dhè fhoillseachadh, a chionn 's na fhad‑fhulangas gun robh e air gabhail seachad air peacaidhean a chaidh an dèanamh roimhe. Bha e airson an fhìreantachd aigesan fhoillseachadh sa cheart àm seo, airson 's gum biodh e cothromach is na fhear‑fhìreanachaidh dhan neach aig a bheil creideamh ann an Ìosa.
Gaelic - Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
Neach a shònraich Dia na ìobairt-rèitich, tre chreideamh na fhuil, a‑chum a fhìreantachd fhoillseachadh le maitheanas nam peacaidhean a chaidh seachad, tre fhad-fhulangas Dhè;
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
Neach a shònraich Dia na ìobairt‐rèitich, tre chreideamh na fhuil, a‑chum a fhìreantachd fhoillseachadh le maitheanas nam peacaidhean a chaidh seachad, tre fhad‐fhulangas Dhè;
Gaelic Scottish (Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875)
A shonraich Dia ʼna reite tromh chreideamh ʼna fhuil, los a cheartas fhiachuinn le mathanas nam peacannan a chaidh seachad,