Romans 8:23 — Compare Translations
4 translations compared side by side
Gaelic (Scottish) (An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017 )
Agus chan e seo a‑mhàin, ach tha sinne cuideachd, aig a bheil ciad‑thoradh an Spioraid, ag osnaich annainn fhèin, a' feitheamh gu dealasach ri uchd‑mhacachd mar mhic — ath‑cheannach ar cuirp.
Gaelic - Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
Agus chan e seo a‑mhàin, ach sinn fhèin mar an ceudna, aig a bheil ciad-thoradh an Spioraid, tha eadhon sinne ag osnaich annainn fhèin, a’ feitheamh ris an uchd-mhacachd, eadhon saorsa ar cuirp.
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
Agus chan e seo a‑mhàin, ach sinn fhèin mar an ceudna, aig a bheil ciad‐thoradh an Spioraid, tha eadhon sinne ag osnaich annainn fhèin, a’ feitheamh ris an uchd‐mhacachd, eadhon saorsa ar cuirp.
Gaelic Scottish (Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875)
Agus cha n-e mhain esan, ach sinn fhein mar an ciadna, aig a bheil ciad-thoradh an spioraid; tha sinne cuideachd a g-osnaich unnainn fhein, a feitheamh ri uchd-mhacachd mic Dhe, saorsa ar coluinne.