Titus 1:9 — Compare Translations
4 translations compared side by side
Gaelic (Scottish) (An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017 )
Cumadh e gu daingeann am facal fìor mar a chaidh a theagasg, airson 's gum bi e comasach air cofhurtachadh le teagasg fallain agus iadsan a tha a' bruidhinn na aghaidh a cheartachadh.
Gaelic - Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
A’ cumail an fhacail fhìor gu daingeann, a rèir teagaisg, a‑chum gum bi e comasach le teagasg fallain, araon earail a thabhairt, agus an dream a sheas na aghaidh a chur as am barail.
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
A’ cumail an fhacail fhìor gu daingeann, a rèir teagaisg, a‑chum gum bi e comasach le teagasg fallain, araon earail a thabhairt, agus an dream a sheas na aghaidh a chur as am barail.
Gaelic Scottish (Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875)
A gabhail ris an fhacal fhirinneach sin, a tha a reir teagaisg, gus e bhith comasach air comhairle a thoirt ann an teagasg fallain, ʼs air comhdach orrasan a tha cur ʼna aghaidh.