bible
ra
🌐 Language
English
Español
Français
Deutsch
Português
Italiano
Nederlands
Русский
中文
日本語
한국어
العربية
Türkçe
Tiếng Việt
ไทย
Indonesia
All Languages
Home
/
Gaelic
/
Gaelic Scottish (Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875)
/
2 John 1
2 John 1
Gaelic Scottish (Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875)
Jump to:
Chapter 1
1
An t-Aosda thun na baintighearna Electa, us thun a cloinne, is ionmhuinn leamsa anns an fhirinn, agus cha leamsa a mhain, ach leo-san uile dha ʼm bʼ aithne an fhirinn,
2
As leth na firinn, a tha tamh unnainne, agus a bhios maille ruinn a chaoidh.
3
Grasan, iochd, agus sith gun robh maille ribh bho Dhia an t-Athair, ʼs bho Iosa Criosta, Mac an Athar, ann am firinn ʼs an carrantachd.
4
Bha mi ro thoilichte, gun dʼ fhuair mi dhe dʼ chloinn a g-imeachd am firinn, a reir ʼs mar fhuair sinn fainte bho ʼn Athair.
5
Agus a nis tha mi guidhe ort, a bhaintighearna, cha n-ann mar gum bʼ eadh a sgriobhadh fainte ùire ga dʼ ionnsuidh, ach na fainte a bhʼ againn bho thoiseach, gun tugamaid gaol dha cheile.
6
Agus se so a charrantachd, gun imich sinn a reir fhaintean-sa. Oir si so an fhainte, los, mar a chuala sibh bho thoiseach, sibh a dhʼ imeachd innte.
7
Oir tha moran mhealltairean air dol a mach air feadh an t-saoghail, nach eil a g-aideach gun tainig Iosa Criosta san fheoil: is mealltair am fear sin agus anacriost.
8
Thugaibh an aire oirbh fhein nach caill sibh na dhʼ oibrich sibh, ach gum faigh sibh lan dhuais.
9
Co air bith a bhristeas a mach, ʼs nach fan ann an teagasg Chriosta, cha n-eil Dia aige: an neach a dhʼ fhanas san teagasg, aige-san tha an t-Athair mar-aon agus am Mac.
10
Ma thig neach air bith gu ʼr n-ionnsuidh, gun an teagasg so thoirt leis, na gabhaibh a stigh e do ʼn tigh, ʼs na abraibh ris, Fàilt ort.
11
Oir an neach a their ris, Fàilt ort, tha e comh-phairteachadh ʼna dhroch oibrichean.
12
Ged tha moran tuille agam ri sgriobhadh h-ugaibh, cha bʼ aill leam le paipeir ʼs le dubh: oir tha dùil agam a bhith maille ribh, us labhairt aghaidh ri aghaidh, gus ur sòlas a bhith làn.
13
Tha clann do pheathar Electa a cur bheannachd ga dʼ ionnsuidh.
Jump to:
Chapter 1
All chapters:
1