bible
ra
🌐 Language
English
Español
Français
Deutsch
Português
Italiano
Nederlands
Русский
中文
日本語
한국어
العربية
Türkçe
Tiếng Việt
ไทย
Indonesia
All Languages
Home
/
Gaelic
/
Gaelic Scottish (Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875)
/
2 Peter 3
2 Peter 3
Gaelic Scottish (Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875)
← Chapter 2
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
1
Seall, a mhuinntir mo mhor ghaoil, si so an ath litir a tha mi sgriobhadh gu ʼr n-ionnsuidh, unnta le cheile tha mi, mar gum bʼ eadh le comhairle, a beothachadh suas ur n-inntinnean treibhdhireach:
2
Gus sibh a bhith cuimhneachail air na facail sin, a dhʼ innis mi dhuibh roimh bho na faidhean naomh, ʼs air ur n-ostail, ʼs air faintean an Tighearna ʼs an t-Slanair:
3
A tuigsinn so an toiseach gun tig anns na lài deirionnach sgeigearan meallta, a g-imeachd a reir an ana-miannan fhein,
4
A g-radh: Càite a bheil a ghealltanas, no a thighinn? oir bho ʼn àm a chaidil na h-aithrichean, tha h-uile ni a leantuinn air an aon sheol bho thoiseach a chruthachaidh.
5
Oir tha iad aineolach air so gan deoin, gun robh na flathais air thoiseach, ʼs an talamh as an uisge, us tromh uisge a buanachadh as leth facal Dhe:
6
Leis an deachaidh as do ʼn t-saoghal, a bha ann san uair sin, leis an tuil a thighinn thairis air.
7
Ach tha na neamhan a tha nis ann, ʼs an talamh, air an tasgadh suas leis an fhacal chiadna, air an gleidheadh gu teine mu choinneamh latha bhreitheanais us sgrios dhaoine mi-dhiadhaidh.
8
Ach na biodh an t-aon ni so an cleith oirbh, a chuideachda mo rùin, gur ionann aon latha aig an Tighearna agus mile bliadhna, ʼs gur ionann mile bliadhna agus aon latha.
9
Cha n-eil an Tighearna a cur dàil ʼna ghealladh, mar a tha cuid an dùil, ach tha e cur suas gu faighidneach ribh, gun toil aige neach air bith a bhith caillte, ach gun tilleadh a h-uile h-aon gu aithreachas.
10
Ach thig latha an Tighearna mar mheirleach: air an teid na neamhan seachad le dian neart, agus leaghaidh na dùilean le teas, us loisgear an talamh ʼs na h-oibrichean a thʼ ann.
11
Leis gum beil na nichean so uile ma ta ri ʼn leaghadh air falbh, ciod an seorsa sluaigh bu chòir dhuibhse a bhith, ann an caithe-beatha naomh ʼs ann an diadhachd,
12
A coimhead air son, ʼsa greasad an coinneamh tighinn latha an Tighearna, leis an teid na neamhan ʼnan teine a leaghadh air falbh, agus leis an caith na dùilean as le aintheas teine?
13
Ach tha sinn a coimhead air son neamhan ùra, ʼs air son talmhuinn ùir a reir a ghealltanais-san, anns a bheil ceartas a tuineachadh.
14
Uime sin, a chuideachda mo mhor ghraidh, aig a bheil dùil ris na nichean so, bithibh a stri gum faighear sibh gun truailleadh, ʼs gun smal dhasan ann an sìth.
15
Agus measaibh ʼna shabhaladh fad-fhulangas ar Slanair: mar a sgriobh ar brathair ro ghradhach, Pol fhein, gu ʼr n-ionnsuidh a reir a ghliocais a thugadh dha,
16
Mar a chithear ʼna litrichean uile, ʼs e labhairt unnta air na nichean so, anns a bheil cuid de nichean duilich ri ʼn tuigsinn, a tha daoine neo-fhaghluimte us neo-steidheil a fiaradh, mar na sgriobtuirean eile, gus an leir-sgrios fhein.
17
Sibhse ma ta, a bhraithre, aig a bheil fios orra so roimh laimh, thugaibh an aire nach tuit sibh bho ʼr steidhealachd, le sibh a bhith air ur tarruinn as an rathad le iomrall dhaoine neo-ghlic.
18
Ach fàsaibh ann an grasan, ʼs ann an eolas ar Tighearna agus ar Slanair Iosa Criosta. Dhasan gun robh gloir a nis ʼs gu latha na siorruchd. Amen.
← Chapter 2
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
All chapters:
1
2
3