bible
ra
🌐 Language
English
Español
Français
Deutsch
Português
Italiano
Nederlands
Русский
中文
日本語
한국어
العربية
Türkçe
Tiếng Việt
ไทย
Indonesia
All Languages
Home
/
Gaelic
/
Gaelic Scottish (Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875)
/
Jude 1
Jude 1
Gaelic Scottish (Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875)
Jump to:
Chapter 1
1
Iuda, seirbhiseach Iosa Criosta, us brathair Sheumais, gan ionnsuidh-san, a tha gradhaichte ann an Dia an t-Athair, ʼs air an gleidheadh ann an Iosa Criosta, ʼs air an gairm.
2
Gun robh iochd, us sith, agus carrantachd air an coimhlionadh dhuibh.
3
A mhuinntir mo mhor ghraidh, ʼs mi gabhail a h-uile curaim gu sgriobhadh h-ugaibh mu ʼr sabhaladh coichionta, bʼ fheudar dhomh sgriobhadh gu ʼr n-ionnsuidh: a guidhe oirbh, sibh a chath gu treubhach air son a chreidimh a liubhradh aon uair do na naoimh.
4
Oir ghoid daoine araid a stigh fos n-iosal (mu ʼn do sgriobhadh bho chian thun a bhreitheanais so) daoine mi-dhiadhaidh, a tionndadh grasan ar De-ne gu soghalachd, ʼsa g-aicheadh an aon riaghladair, agus ar Tighearna Iosa Criosta.
5
Tha mhiann orm ma ta ur cur air ur faicill, sibhse dha ʼm bʼ aithne cheana a h-uile ni, air do Iesus am pobull a shaoradh á talamh na h-Eiphit, gun do sgrios e an deigh sin iadsan nach do chreid:
6
Us na h-ainglean nach do ghleidh an ciad-inbhe, ach a dhʼ fhag an aros-tamha, chum e le slabhruidhean siorruidh fo dhorchadas gu breitheanas an latha mhoir.
7
Mar rinneadh Sodom us Gomorra, ʼs na bailtean ʼsa choimhearsnachd, a thug iad fhein thairis air a mhodh chiadna do striopachas, ʼs do leanail feola eile, ʼnam ball-sampuill, air an cràdh le teine siorruidh:
8
Air an alt chiadna tha na daoine sin a truailleadh na feola, ʼsa dianamh diù do dhʼ uachdranachd, ʼsa toirt toibheum do mhoralachd.
9
Nuair a bha Micheil an t-ard-aingeal a deaspud ris an deomhan, ʼsa consachadh mu chorp Mhaois, cha robh a dhanadas aige breth thaireil a thoirt ʼna aghaidh, ach thuirt e: Cronaicheadh an Tighearna thu.
10
Ach tha na daoine sin a labhairt gu toibheumach air na nichean nach aithne dhaibh: agus ciod sa bith nichean is aithne dhaibh a bhrigh an naduir, cleas ainmhidhean balbha, leo sin tha iad air an truailleadh.
11
Mo thruaighe iad, oir ghabh iad air slighe Chain, ʼsa leanail mearachd Bhalaaim bhruchd iad a mach air son duaise, ʼs mar an ceannairc Choire chaidh iad a dhith.
12
Tha iad ʼnan smal ʼnam feisdean, a g-ithe chuilmean comhla gun sgàth, a gabhail an satha; is neoil gun uisge iad, a tha air an iomain mun cuairt le gaoithean, is craobhan faghair iad gun mheas, dà uair marbh, spionte as am friamhaichean,
13
Is tonnan onfhach a chuain iad, a copadh suas an nàire fhein mar chobhar: reultan seachranach, air a bheil stoirm an dorchadais shiorruidh a feitheamh.
14
A nis rinn Enoch, an seachdamh glun bho Adhamh, faisneachd umpa so, a g-radh: Faic, tha an Tighearna a tighinn le miltean dhe ʼnaoimh
15
A dhianamh breitheanais air daoine uile, ʼsa thoirt achasain do dhaoine mi-dhiadhaidh gu leir air son an oibrichean mi-dhiadhaidh air fad, leis an dʼ rinn iad gu mi-dhiadhaidh, ʼs air son a h-uile cruaidh chainnte, a labhair peacaich mhi-dhiadhaidh an aghaidh Dhe.
16
Tha iad sin ʼnan luchd-monmhuir gearanach, a g-imeachd a reir am miann fhein, ʼs tha am bial a labhairt nichean uaibhreach, brosgulach ri pearsachan air sgàth buannachd.
17
Ach bithibhse, a luchd mo mhor ghraidh, cuimhneach air na facail a chaidh a radh ribh roimh le ostail ar Tighearna Iosa Criosta,
18
A thuirt ribh gun tigeadh sna h-amannan deirionnach sgeigearan, a g-imeachd a reir am miann fhein ann am mi-dhiadhachd.
19
ʼSiad sin iadsan, a tha gan tearbadh fhein, daoine colaidh, aig nach eil an Spiorad.
20
Ach sibhse, a mhuinntir mo mhor ghraidh, gu ʼr togail fhein suas air steidh ur creidimh ro naomh, a g-urnaigh san Spiorad Naomh,
21
Cumaibh sibh fhein ann an gaol Dhe, a feitheamh ri trocair ar Tighearna Iosa Criosta gu beatha shiorruidh.
22
Agus cronaichibh a rireadh iadsan air an tugadh breth:
23
Ach sabhalaibh cuid, gan spionadh as an teine. Agus do chuid eile fiachaibh iochd le fiamh: a fuathachadh an trusgain shalaich a tha feolmhor.
24
A nis dhasan, a ʼs urrainn ur gleidheadh gun pheacadh, ʼs ur suidheachadh gun smal ʼs gu ro shòlasach an lathair a ghloire, aig tighinn ar Tighearna Iosa Criosta,
25
Do ʼn aon Dia ar Slanair, tromh Iosa Criosta ar Tighearna, gun robh gloir us moralachd, rioghachd us cumhachd roimh gach linn, agus a nis, agus fad uile linntean nan linn. Amen.
Jump to:
Chapter 1
All chapters:
1