bible
ra
🌐 Language
English
Español
Français
Deutsch
Português
Italiano
Nederlands
Русский
中文
日本語
한국어
العربية
Türkçe
Tiếng Việt
ไทย
Indonesia
All Languages
Home
/
Gaelic
/
Gaelic - Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
/
2 John 1
2 John 1
Gaelic - Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
Jump to:
Chapter 1
1
An seanair a‑chum na ban-tighearna thaghte, agus a‑chum a cloinne, as ionmhainn leam anns an fhìrinn; agus chan ann leamsa a‑mhàin, ach leòsan uile mar an ceudna a ghabh eòlas air an fhìrinn;
2
Airson na fìrinn a tha na còmhnaidh annainne, agus a bhios maille rinn gu bràth:
3
Gràs, tròcair, agus sìth gu robh maille ribh o Dhia an t‑Athair, agus on Tighearna Iosa Crìosd, Mac an Athar, ann am fìrinn agus ann an gràdh.
4
Bha gàirdeachas mòr orm, do bhrìgh gun d’fhuair mi cuid ded chloinn-sa ag imeachd anns an fhìrinn, a rèir mar a fhuair sinne àithne on Athair.
5
Agus a‑nis guidheam ort, a bhan-tighearna, chan ann mar gun sgrìobhainn àithne nuadh ad ionnsaigh, ach an àithne a bha againn o thùs, gun gràdhaicheamaid a chèile.
6
Agus is e seo an gràdh, gun imicheamaid a rèir a àitheantan-san. Is i seo an àithne, mar a chuala sibh o thùs, gun imicheadh sibh innte.
7
Oir tha mòran mhealltairean air teachd a‑steach don t‑saoghal, nach eil ag aideachadh gu bheil Crìosd air teachd anns an fheòil. Is mealltair seo agus ana-crìosd.
8
Thugaibh aire dhuibh fhèin, nach caill sinn na nithean sin a shaothraich sinn, ach gum faigh sinn làn-duais.
9
Ge bè neach a bhriseas an lagh, agus nach fan ann an teagasg Chrìosd, chan eil Dia aige: an tì a dh’fhanas ann an teagasg Chrìosd, tha araon an t‑Athair agus am Mac aige.
10
Ma thig neach air bith dur n‑ionnsaigh, agus nach toir e an teagasg seo leis, na gabhaibh e a‑steach dur taigh, agus na abraibh ris, Guma subhach dhut:
11
Oir ge bè neach a their ris, Guma subhach dhut, tha compàirt aige de a dhroch obraichean.
12
Air dhomh mòran a bhith agam ri sgrìobhadh dur n‑ionnsaigh, cha b’àill leam sgrìobhadh le paipear agus dubh; ach tha dòchas agam teachd dur n‑ionnsaigh, agus labhairt beul ri beul, a‑chum gum bi ar gàirdeachas coileanta.
13
Tha clann do pheathar thaghte a’ cur fàilte ort. Amen.
Jump to:
Chapter 1
All chapters:
1