bible
ra
🌐 Language
English
Español
Français
Deutsch
Português
Italiano
Nederlands
Русский
中文
日本語
한국어
العربية
Türkçe
Tiếng Việt
ไทย
Indonesia
All Languages
Home
/
Gaelic
/
Gaelic - Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
/
2 Thessalonians 1
2 Thessalonians 1
Gaelic - Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 2 →
1
Pòl, agus Siluanus, agus Timòteus a‑chum eaglais nan Tesalònianach, ann an Dia ar n‑Athair, agus anns an Tighearna Iosa Crìosd:
2
Gràs gu robh dhuibh, agus sìth o Dhia ar n‑Athair, agus on Tighearna Iosa Crìosd.
3
Tha e mar fhiachan oirnne buidheachas a thoirt do Dhia a‑ghnàth air ur son-se, a bhràithrean, mar as cubhaidh, do bhrìgh gu bheil ur creideamh a’ fàs gu ro‑mhòr, agus gu bheil gràdh gach aoin agaibh uile a’ meudachadh da chèile:
4
Ionnas gu bheil sinne fhèin a’ dèanamh uaille asaibh ann an eaglaisean Dhè, airson ur foighidinn agus ur creidimh nur n‑uile gheur leanmhainnean agus àmhgharan a tha sibh a’ fulang:
5
Nì a tha na chomharradh follaiseach air ceart-bhreitheanas Dhè, a‑chum gum measar gur airidh sibhse air rìoghachd Dhè, airson a bheil sibh a’ fulang:
6
Do bhrìgh gur ceart an nì do Dhia àmhghar ìocadh dhaibhsan a tha a’ cur àmhghair oirbh:
7
Agus dhuibhse a tha fo àmhghar, fois maille rinne, nuair a dh’fhoillsichear an Tighearna Iosa o nèamh, maille ra ainglean cumhachdach:
8
Ann an teine lasrach, a’ dèanamh dìoghaltais air an dream aig nach eil eòlas air Dia, agus nach eil umhail do shoisgeul ar Tighearna Iosa Crìosd:
9
Muinntir air an dèanar peanas le sgrios sìorraidh o làthair an Tighearna, agus o ghlòir a chumhachd;
10
Nuair a thig e gu bhith air a ghlòrachadh na naoimh, agus a‑chum gun dèanar iongantach e anntasan uile a tha a’ creidsinn anns an là sin (do bhrìgh gun do chreideadh ar fianais-ne nur measg-se).
11
Air an adhbhar seo, tha sinne mar an ceudna a’ dèanamh sìor-ùrnaigh air ur son-se, a‑chum gum meas ar Dia-ne gur airidh sibh air a’ ghairm seo, agus gun coilean e uile dheagh-ghean a mhaitheis, agus obair a’ chreidimh le cumhachd:
12
A‑chum gum bi ainm ar Tighearna Iosa Crìosd air a ghlòrachadh annaibh, agus sibhse annsan, a rèir gràs ar Dè, agus an Tighearna Iosa Crìosd.
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 2 →
All chapters:
1
2
3