bible
ra
🌐 Language
English
Español
Français
Deutsch
Português
Italiano
Nederlands
Русский
中文
日本語
한국어
العربية
Türkçe
Tiếng Việt
ไทย
Indonesia
All Languages
Home
/
Gaelic
/
Gaelic - Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
/
Exodus 1
Exodus 1
Gaelic - Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 25
Chapter 26
Chapter 27
Chapter 28
Chapter 29
Chapter 30
Chapter 31
Chapter 32
Chapter 33
Chapter 34
Chapter 35
Chapter 36
Chapter 37
Chapter 38
Chapter 39
Chapter 40
Chapter 2 →
1
A‑nis is iad seo ainmean chloinn Israeil, a thàinig don Eiphit; thàinig gach duine agus a theaghlach maille ri Iàcob:
2
Reuben, Simeon, Lèbhi, agus Iùdah,
3
Isachar, Sebulun, agus Beniàmin,
4
Dan, agus Naphtali, Gad, agus Aser.
5
Agus na h‑anaman uile a thàinig a‑mach à leasraidh Iàcoib, bu deich agus trì-fichead anam iad; oir bha Iòseph anns an Eiphit cheana.
6
Agus fhuair Iòseph bàs, agus a bhràithrean uile, agus an ginealach sin uile.
7
Agus bha clann Israeil sìolmhor, agus dh’fhàs iad gu mòr, agus rinneadh lìonmhor iad, agus chinn iad ro‑chumhachdach; agus lìonadh an tìr leo.
8
A‑nis dh’èirich rìgh ùr air an Eiphit, do nach b’aithne Iòseph.
9
Agus thubhairt e ra shluagh, Feuch, tha sluagh chloinn Israeil nas lìonmhoire agus nas cumhachdaiche na sinne;
10
Thigibh, buineamaid gu seòlta, air eagal gum fàs iad lìonmhor, agus gun tachair e, nuair a dh’èireas cogadh, gun gabh iadsan mar an ceudna le ar naimhdean-ne, agus gun cog iad nar n‑aghaidh, agus gun tèid iad a‑mach as an tìr.
11
Uime sin chuir iad maighistirean-obrach orra, a‑chum an sàrachadh len eallaichean. Agus thog iad bailtean-ionmhais do Phàraoh, Pitom agus Rameses.
12
Ach mar as mò a shàraich iad iad, is ann as mò a rinneadh iadsan lìonmhor agus a dh’fhàs iad. Agus bha iad fo dhoilgheas airson chloinn Israeil.
13
Agus thug na h‑Eiphitich air cloinn Israeil seirbhis a dhèanamh le cruas:
14
Agus rinn iad am beatha searbh dhaibh le daorsa chruaidh, ann am mortar, agus ann an clachan-creadha, agus anns gach gnè obrach anns a’ mhachair: bha an obair uile, anns an tug iad orra obair a dhèanamh, le cruas.
15
Agus labhair rìgh na h‑Eiphit ri mnathan-glùine nan Eabhraidheach (b’e ainm aoin dhiubh Siphrah, agus ainm na tè eile Puah);
16
Agus thubhairt e, Nuair a nì sibh gnìomh mnà-glùine do na mnathan Eabhraidheach, agus a chì sibh iad air na stòlan; mas mac a bhios ann, an sin marbhaidh sibh e, ach mas nighean a bhios ann, bidh i beò.
17
Ach bha eagal Dhè air na mnathan-glùine, agus cha do rinn iad mar a dh’àithn rìgh na h‑Eiphit dhaibh, ach ghlèidh iad a’ chlann-mhac beò.
18
Agus ghairm rìgh na h‑Eiphit air na mnathan-glùine, agus thubhairt e riu, Carson a rinn sibh an nì seo, agus a ghlèidh sibh a’ chlann-mhac beò?
19
Agus thubhairt na mnathan-glùine ri Phàraoh, A chionn nach eil na mnathan Eabhraidheach mar na mnathan Eiphiteach: oir tha iad fhèin beothail, agus air an asaid mun tig na mnathan-glùine a‑steach dan ionnsaigh.
20
Uime sin, bhuin Dia gu math ris na mnathan-glùine: agus rinneadh an sluagh lìonmhor, agus dh’fhàs iad ro‑chumhachdach.
21
Agus a chionn gu robh eagal Dhè air na mnathan-glùine, rinn e taighean dhaibh.
22
Agus thug Phàraoh àithne da shluagh uile, ag ràdh, Gach mac a bheirear, tilgidh sibh anns an abhainn; agus gach nighean gleidhidh sibh beò.
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 25
Chapter 26
Chapter 27
Chapter 28
Chapter 29
Chapter 30
Chapter 31
Chapter 32
Chapter 33
Chapter 34
Chapter 35
Chapter 36
Chapter 37
Chapter 38
Chapter 39
Chapter 40
Chapter 2 →
All chapters:
1
2
3
4
5
6
7
8
9
10
11
12
13
14
15
16
17
18
19
20
21
22
23
24
25
26
27
28
29
30
31
32
33
34
35
36
37
38
39
40