bible
ra
🌐 Language
English
Español
Français
Deutsch
Português
Italiano
Nederlands
Русский
中文
日本語
한국어
العربية
Türkçe
Tiếng Việt
ไทย
Indonesia
All Languages
Home
/
Gaelic
/
Gaelic - Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
/
Ezekiel 39
Ezekiel 39
Gaelic - Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
← Chapter 38
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 25
Chapter 26
Chapter 27
Chapter 28
Chapter 29
Chapter 30
Chapter 31
Chapter 32
Chapter 33
Chapter 34
Chapter 35
Chapter 36
Chapter 37
Chapter 38
Chapter 39
Chapter 40
Chapter 41
Chapter 42
Chapter 43
Chapter 44
Chapter 45
Chapter 46
Chapter 47
Chapter 48
Chapter 40 →
1
Uime sin, dèan thusa, a mhic an duine, fàistneachd an aghaidh Ghog, agus abair, Mar seo tha an Tighearna Dia ag ràdh, Feuch, tha mise ann ad aghaidh, O Ghog, àrd-phrionnsa Mheseich agus Thubail:
2
Agus tillidh mi air d’ais thu, agus chan fhàg mi ach an siathamh cuid dhìot, agus bheir mi ort teachd a‑nìos o na h‑àirdean a tuath, agus bheir mi thu gu slèibhtean Israeil:
3
Agus buailidh mi do bhogha à do làimh chlì, agus bheir mi air do shaighdean tuiteam à do làimh dheis.
4
Tuitidh tu air slèibhtean Israeil, thu fhèin agus do bhuidhnean uile, agus an sluagh a tha maille riut: bheir mi thu don eunlaith fhuileachdach de gach seòrsa, agus do bheathaichean na talmhainn, a‑chum a bhith air do shlugadh suas.
5
Tuitidh tu air a’ mhachair sgaoilte: oir labhair mise, deir an Tighearna Iehòbhah.
6
Agus cuiridh mi teine air Magog, agus am measg na muinntir a tha a chòmhnaidh gu neo-umhailteach anns na h‑eileanan; agus aithnichidh iad gur mi an Tighearna.
7
Mar seo nì mi m’ainm naomh aithnichte ann am meadhon mo phobaill Israel, agus cha leig mi m’ainm naomh a thruailleadh nas mò; agus bidh fhios aig na cinnich gur mi an Tighearna, aon naomh Israeil.
8
Feuch thàinig e gu crìch, agus rinneadh e, tha an Tighearna Iehòbhah ag ràdh: is e seo an là mun do labhair mise.
9
Agus thèid iadsan a tha a chòmhnaidh ann am bailtean Israeil a‑mach, agus cuiridh iad ri theine, agus loisgidh iad na h‑airm, an targaid, agus fòs an sgiath, am bogha, agus na saighdean, agus an gath, agus an t‑sleagh, agus loisgidh iad le teine iad seachd bliadhna:
10
Air chor is nach toir iad connadh air bith as a’ mhachair, cha mhò a ghearras iad a’ bheag de na coilltean: oir loisgidh iad na h‑airm anns an teine, agus creachaidh iad an dream len do chreachadh iad, agus spùinidh iad an dream len do spùineadh iad, deir an Tighearna Iehòbhah.
11
Agus tàrlaidh air an là sin gun toir mise do Ghog an sin àite airson uaighean ann an Israel, gleann an luchd-siubhail air taobh an ear na fairge; agus bacaidh e an luchd-siubhail: agus an sin adhlaicidh iad Gog agus a shluagh uile; agus goiridh iad ris, Gleann sluagh Ghog.
12
Agus bidh taigh Israeil gan adhlacadh, a‑chum am fearann a ghlanadh, seachd mìosan.
13
Seadh, bidh uile shluagh an fhearainn gan adhlacadh, agus bidh là mo ghlòire-sa iomraiteach nam measg, deir an Tighearna Iehòbhah.
14
Agus cuiridh iad air leth daoine dèanadach, a shiùbhlas air feadh an fhearainn, a dh’adhlacadh leis an luchd-siubhail na muinntir a tha fhathast air aghaidh na talmhainn, a‑chum a ghlanadh; an ceann seachd mìosan bidh iad gan iarraidh.
15
Agus an luchd-siubhail a tha ag imeachd tron fhearann, nuair a chì aon neach cnàimh duine, an sin cuiridh e comharradh suas làimh ris, gus an adhlaic an luchd-adhlacaidh e ann an Gleann Hamon-Gog.
16
Agus fòs bidh Hamonah mar ainm air a’ bhaile: mar seo glanaidh iad am fearann.
17
Agus thusa, a mhic an duine, mar seo tha an Tighearna Iehòbhah ag ràdh, Labhair ris gach eun iteagach, agus cruinnichibh sibh fhèin, agus thigibh; cruinnichibh sibh fhèin o gach taobh, gum ìobairt-sa a tha mi a’ dèanamh air ur son, eadhon àr mòr air slèibhtean Israeil, a‑chum gun ith sibh feòil, agus gun òl sibh fuil.
18
Ithidh sibh feòil nan cumhachdach, agus òlaidh sibh fuil prionnsachan na talmhainn, fuil reitheachan, uan, agus ghobhar, agus tharbh; iad uile air am biadhadh ann am Basan.
19
Agus ithidh sibh saill gus am bi sibh sàthach, agus òlaidh sibh fuil gus am bi sibh air mhisg, dem ìobairt-sa a mharbh mi air ur son.
20
Mar seo lìonar sibh air mo bhòrd-sa le eich, agus le carbadan, le daoine cumhachdach, agus leis na h‑uile fheachdan-cogaidh, deir an Tighearna Iehòbhah.
21
Agus cuiridh mi mo ghlòir am measg nan cinneach, agus chì na cinnich mo bhreitheanas a rinn mi, agus mo làmh a leag mi orra.
22
Mar sin aithnichidh taigh Israeil gur mise an Tighearna an Dia on là sin, agus uaithe sin a‑mach.
23
Agus aithnichidh na cinnich gun deachaidh taigh Israeil am bruid airson an aingidheachd; a chionn gun do pheacaich iad am aghaidh-sa, uime sin dh’fhalaich mi mo ghnùis uapa, agus thug mi iad do làimh an naimhdean; mar sin thuit iad uile leis a’ chlaidheamh.
24
A rèir an neòghlaine, agus a rèir an cionta rinn mise riu, agus dh’fhalaich mi mo ghnùis uapa.
25
Air an adhbhar sin, mar seo tha an Tighearna Iehòbhah ag ràdh, A‑nis bheir mi air a h‑ais bruid Iàcoib, agus nì mi tròcair air uile thaigh Israeil, agus bidh mi eudmhor airson m’ainme naoimh:
26
An dèidh dhaibh an nàire a ghiùlan, agus an uile chionta leis an do chiontaich iad am aghaidh-sa, nuair a ghabhas iad còmhnaidh gu tèarainte nan dùthaich fhèin, agus nach cuir aon neach eagal orra.
27
Nuair a bheir mise air an ais iad o na cinnich, agus a chruinnicheas mi iad o dhùthchannan an naimhdean, agus a naomhaichear mi annta ann an sealladh mòran chinneach.
28
An sin aithnichidh iad gur mise Iehòbhah an Dia, a thug fa‑near iad a bhith air an toirt ann am bruid am measg nan cinneach: ach chruinnich mi iad a‑chum an dùthcha fhèin, agus cha d’fhàg mi aon dhiubh nas mò an sin.
29
Cha mhò a dh’fhalaicheas mi tuilleadh mo ghnùis uapa: oir dhòirt mi a‑mach mo Spiorad air taigh Israeil, deir an Tighearna Iehòbhah.
← Chapter 38
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 25
Chapter 26
Chapter 27
Chapter 28
Chapter 29
Chapter 30
Chapter 31
Chapter 32
Chapter 33
Chapter 34
Chapter 35
Chapter 36
Chapter 37
Chapter 38
Chapter 39
Chapter 40
Chapter 41
Chapter 42
Chapter 43
Chapter 44
Chapter 45
Chapter 46
Chapter 47
Chapter 48
Chapter 40 →
All chapters:
1
2
3
4
5
6
7
8
9
10
11
12
13
14
15
16
17
18
19
20
21
22
23
24
25
26
27
28
29
30
31
32
33
34
35
36
37
38
39
40
41
42
43
44
45
46
47
48