bible
ra
🌐 Language
English
Español
Français
Deutsch
Português
Italiano
Nederlands
Русский
中文
日本語
한국어
العربية
Türkçe
Tiếng Việt
ไทย
Indonesia
All Languages
Home
/
Gaelic
/
Gaelic - Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
/
James 1
James 1
Gaelic - Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 2 →
1
Tha Seumas, seirbhiseach Dhè, agus an Tighearna Iosa Crìosd, a’ cur beannachd a‑chum an dà‑threubh-dheug a tha air an sgapadh o chèile.
2
Mo bhràithrean, measaibh mar an uile ghàirdeachas nuair a thuiteas sibh ann an iomadh gnè dheuchainnean;
3
Air dhuibh fios seo a bhith agaibh, gun obraich dearbhadh ur creidimh foighidinn.
4
Ach biodh aig an fhoighidinn a h‑obair iomlan fhèin, a‑chum gum bi sibh diongmhalta agus iomlan, gun uireasbhaidh nì sam bith.
5
Ma tha aon neach agaibh a dh’uireasbhaidh gliocais, iarradh e o Dhia, a bheir do gach neach gu pailt, agus nach dèan maoidheadh; agus bheirear dha e.
6
Ach iarradh e le creideamh, gun a bhith fo amharas sam bith: oir an tì a tha fo amharas, is cosmhail e ri tonn na fairge a shèidear le gaoith, agus a tha air a luasgadh a‑null agus a‑nall.
7
Oir na saoileadh an duine sin gum faigh e nì air bith on Tighearna.
8
Tha fear na h‑inntinn dhùbailte neo-sheasmhach na uile shlighean.
9
Dèanadh am bràthair a tha ìosal gàirdeachas na àrdachadh:
10
Ach an duine saoibhir na ìsleachadh: do bhrìgh mar bhlàth an fheòir gun tèid e seachad:
11
Oir air èirigh don ghrèin le dian-theas, crìonaidh i am feur, agus tuitidh a bhlàth, agus thèid maise a dhreach am mugha: is amhail sin mar an ceudna a sheargas an duine saoibhir na shlighean.
12
Is beannaichte an duine a ghiùlaineas buaireadh: oir nuair a dhearbhar e, gheibh e crùn na beatha, a gheall an Tighearna don dream a ghràdhaicheas e.
13
Na abradh neach sam bith nuair a bhuairear e, Tha mi air mo bhuaireadh le Dia: oir cha chomasach Dia a bhuaireadh le olc, cha mhò a bhuaireas e neach sam bith.
14
Ach tha gach duine air a bhuaireadh, nuair a thàirngear, agus a thàlaidhear, e le a ana-miann fhèin.
15
An sin air a bhith don ana-miann torrach, beiridh e peacadh: agus air don pheacadh a bhith air a chrìochnachadh, beiridh e bàs.
16
Na bithibh air ur mealladh, mo bhràithrean gràdhach.
17
Tha gach uile dheagh thabhartas agus gach uile thìodhlac iomlan on àirde, a’ teachd a‑nuas o Athair na soillse, maille ris nach eil atharrachadh, no sgàil tionndaidh.
18
O a thoil fhèin ghin e sinn le facal na fìrinn, a‑chum gum bitheamaid nar gnè chiad-toraidh de a chreutairean.
19
Uime sin, mo bhràithrean gràdhach, biodh gach duine ealamh a‑chum èisdeachd, mall a‑chum labhairt, mall a‑chum feirge:
20
Oir chan obraich fearg duine fìreantachd Dhè.
21
Uime sin cuiribh uaibh gach uile shalchar, agus anabarr mìoruin, agus gabhaibh dur n‑ionnsaigh le macantas am facal a tha air a shuidheachadh annaibh, a tha comasach air ur n‑anaman a thèarnadh.
22
Ach bithibh-se nur luchd cur-an‑gnìomh an fhacail, agus na b’ann nur luchd-èisdeachd a‑mhàin, gur mealladh fhèin.
23
Oir ma tha neach air bith na fhear-èisdeachd an fhacail, agus chan ann na fhear-dèanamh da rèir, is cosmhail e ri duine a tha ag amharc air a aghaidh nàdarra fhèin ann an sgàthan:
24
Oir bheachdaich e air fhèin, agus dh’imich e roimhe, agus dhìochuimhnich e air ball ciod an coslas duine a bha ann fhèin.
25
Ach ge bè a bheachdaicheas gu dùrachdach air lagh coileanta na saorsa, agus a bhuanaicheas ann, gun e a bhith na fhear-èisdeachd dearmadach, ach na fhear-dèanamh na h‑obrach, bidh an duine seo beannaichte na dhèanadas.
26
Ma shaoileas neach air bith nur measg gu bheil e diadhaidh, gun a bhith a’ cur srèin ra theangaidh, ach a’ mealladh a chridhe fhèin, is dìomhain diadhachd an duine seo.
27
Is i seo an diadhachd fhìorghlan agus neo-shalach am fianais Dhè agus an Athar, dìlleachdain agus bantraichean fhiosrachadh nan trioblaid agus neach ga choimhead fhèin gun smal on t‑saoghal.
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 2 →
All chapters:
1
2
3
4
5