bible
ra
🌐 Language
English
Español
Français
Deutsch
Português
Italiano
Nederlands
Русский
中文
日本語
한국어
العربية
Türkçe
Tiếng Việt
ไทย
Indonesia
All Languages
Home
/
Gaelic
/
Gaelic - Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
/
Jeremiah 30
Jeremiah 30
Gaelic - Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
← Chapter 29
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 25
Chapter 26
Chapter 27
Chapter 28
Chapter 29
Chapter 30
Chapter 31
Chapter 32
Chapter 33
Chapter 34
Chapter 35
Chapter 36
Chapter 37
Chapter 38
Chapter 39
Chapter 40
Chapter 41
Chapter 42
Chapter 43
Chapter 44
Chapter 45
Chapter 46
Chapter 47
Chapter 48
Chapter 49
Chapter 50
Chapter 51
Chapter 52
Chapter 31 →
1
Am facal a thàinig a‑chum Ieremiah on Tighearna, ag ràdh,
2
Mar seo labhair an Tighearna, Dia Israeil, ag ràdh, Sgrìobh dhut fhèin na h‑uile bhriathran a labhair mise riut, ann an leabhar.
3
Oir feuch, tha na làithean a’ teachd, deir an Tighearna, anns an toir mise air a h‑ais bruid mo shluaigh, Israel agus Iùdah, deir an Tighearna, agus bheir mi orra tilleadh a‑chum an fhearainn a thug mi don athraichean, agus sealbhaichidh iad e.
4
Agus seo na briathran a labhair an Tighearna, mu thimcheall Israeil, agus mu thimcheall Iùdah.
5
Oir mar seo deir an Tighearna, Guth criothnachaidh chuala sinn; eagal, agus chan e sìth.
6
Feòraichibh a‑nis, agus feuchaibh am beir fireannach leanabh? Cuime am faic mi gach duine agus a làmhan air a leasraidh, mar mhnaoi ri saothair, agus tha gach uile aghaidh air fàs bàn?
7
Mo thruaighe! oir is mòr an là sin, agus chan eil a choimeas ann: agus is aimsir teanntachd i do Iàcob; ach tèarnar aisde e.
8
Oir tàrlaidh anns an là sin, deir Tighearna nan sluagh, gum bris mise a chuing bhàrr do mhuineil, agus a chuibhrichean sgaoilidh mi as a chèile; agus cha ghabh coigrich nas mò seirbhis dheth.
9
Ach bheir iad seirbhis don Tighearna an Dia, agus do Dhaibhidh an rìgh, a thogas mise suas dhaibh.
10
Uime sin na biodh eagal ort, a Iàcoib, m’òglach-sa, deir an Tighearna, agus na biodh geilt ort, O Israeil: oir feuch, bheir mise tèarainte thu o chèin, agus do shliochd o thìr an daorsa; agus tillidh Iàcob, agus gheibh e fois agus sìth, agus cha bhi aon neach a’ cur eagail air.
11
Oir tha mise maille riut, deir an Tighearna, a‑chum do thèarnadh: ged bheir mi crìoch iomlan air na h‑uile chinnich gus an d’fhògair mi thu, gidheadh cha toir mi crìoch iomlan ortsa: ach smachdaichidh mi thu ann an tomhas, agus cha leig mi as thu gu h‑iomlan o pheanas.
12
Oir mar seo deir an Tighearna, Is do‑leigheas do bhruthadh, is cràiteach do chreuchd.
13
Chan eil neach ann a nì tagradh air do shon, a‑chum gum biodh tu air do cheangal suas: ìocshlaint a‑chum leigheis chan eil agad.
14
Rinn do leannain gu lèir do dhearmad: chan eil iad gad iarraidh, oir rinn mise do lotadh le lot nàmhaid, le smachdachadh garg; a chionn gu robh do chionta mòr, do lochdan lìonmhor.
15
Cuime an glaodh thu airson d’àmhghair? Cha ghabh do bhròn leigheas; a chionn gu robh do chionta mòr, do lochdan lìonmhor, rinn mise na nithean seo ort.
16
Uime sin bidh iadsan uile a tha gad shlugadh, air an slugadh, agus thèid do naimhdean uile, gach aon dhiubh ann am braighdeanas: bidh iadsan a tha gad chreachadh nan creich, agus na h‑uile a tha a’ dèanamh cobhartaich dhìot, bheir mise gu bhith nan cobhartach.
17
Oir aisigidh mi slàinte dhut, agus lèighsidh mi do chreuchdan, deir an Tighearna; ged a thubhairt iad riut, Dìobarach, Sion, ise do nach eil aig aon neach suim.
18
Mar seo deir an Tighearna, Feuch, bheir mise air a h‑ais bruid pàilleanan Iàcoib, agus air a ionadan-còmhnaidh nì mi iochd, agus togar a’ chathair air a tòrr fhèin, agus bidh an lùchairt a rèir a nòis fhèin air a daingneachadh.
19
Agus a‑mach asda thig buidheachas, agus guth na muinntir a nì gàirdeachas; agus nì mise lìonmhor iad, agus cha bhi iad tearc; nì mi fòs glòrmhor iad, agus cha bhi iad suarach.
20
Bidh a chlann fòs mar roimhe seo agus bidh a choitheanal air a dhaingneachadh ann am làthair-sa, agus nì mi peanas air gach neach a shàraicheas e.
21
Agus thig Uachdaran uaithe fhèin, agus thig a fhear-riaghlaidh a‑mach as a mheadhon; agus tàirngidh mise e, agus thig e dlùth dhomh: oir cò e seo a shocraich a chridhe air teachd am fagas dhòmhsa? deir an Tighearna.
22
Agus bidh sibhse nur sluagh dhòmhsa, agus bidh mise ann am Dhia dhuibhse.
23
Feuch, tha cuairt-ghaoth an Tighearna a’ dol a‑mach le corraich; cuairt-ghaoth bhuan, a thuiteas le dòrainn air ceann nan ciontach.
24
Cha till dian-chorraich an Tighearna air a h‑ais, gus an dèan, agus gus an coilean e, rùn a chridhe: anns na làithean deireannach bheir sibh seo fa‑near.
← Chapter 29
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 25
Chapter 26
Chapter 27
Chapter 28
Chapter 29
Chapter 30
Chapter 31
Chapter 32
Chapter 33
Chapter 34
Chapter 35
Chapter 36
Chapter 37
Chapter 38
Chapter 39
Chapter 40
Chapter 41
Chapter 42
Chapter 43
Chapter 44
Chapter 45
Chapter 46
Chapter 47
Chapter 48
Chapter 49
Chapter 50
Chapter 51
Chapter 52
Chapter 31 →
All chapters:
1
2
3
4
5
6
7
8
9
10
11
12
13
14
15
16
17
18
19
20
21
22
23
24
25
26
27
28
29
30
31
32
33
34
35
36
37
38
39
40
41
42
43
44
45
46
47
48
49
50
51
52