bible
ra
🌐 Language
English
Español
Français
Deutsch
Português
Italiano
Nederlands
Русский
中文
日本語
한국어
العربية
Türkçe
Tiếng Việt
ไทย
Indonesia
All Languages
Home
/
Gaelic
/
Gaelic - Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
/
Joel 1
Joel 1
Gaelic - Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 2 →
1
Facal an Tighearna a thàinig a‑chum Ioeil mhic Phetueil.
2
Cluinnibh-se seo, a sheann daoine; agus thugaibh-se fa‑near, uile luchd-àiteachaidh na tìre: an robh seo nur làithean-se, no an làithean ur n‑athraichean?
3
Innsibh-se dur cloinn e, agus innseadh ur clann don cloinn-san agus an clann-san do ghinealach eile.
4
An nì sin a dh’fhàg a’ phailm-chnuimh, dh’ith an lòcast; agus an nì a dh’fhàg an lòcast, dh’ith a’ chnàmh-bheist; agus an nì sin a dh’fhàg a’ chnàmh-bheist, dh’ith am burras.
5
Dùisgibh, a mhisgearan, agus guilibh; agus dèanaibh-se caoidh, uile phòitearan fìona, airson an fhìon-nuaidh, oir tha e air a ghearradh air falbh o ur beul.
6
Oir tha cinneach air teachd a‑nìos air m’fhearann-sa, treun, agus thar àireamh; is fiaclan leòmhainn am fiaclan; agus tha fiaclan-carbaid leòmhainn bhoirinn aca.
7
Dh’fhàg iad m’fhìonain-sa na fàsach, agus rùisg iad mo chrann-fìge; rùisg iad e gu buileach, agus thilg iad air falbh e; tha a gheugan air an dèanamh geal.
8
Dèan caoidh mar òigh crioslaichte le aodach-saic airson cèile a h‑òige.
9
Tha an tabhartas-bìdh air a ghearradh air falbh, agus an tabhartas-dibhe o thaigh an Tighearna; dèanaibh-se bròn, O shagartan, òglaich an Tighearna.
10
Tha a’ mhachair na fàsach, tha an talamh ri caoidh; oir tha an t‑arbhar air a mhilleadh; tha am fìon nuadh air seargadh, dh’fhàilnich an ola.
11
Gabhaibh nàire, O threabhaichean: dèanaibh-se caoidh, O luchd-deasachaidh na fìonain, airson a’ chruithneachd, agus airson an eòrna: a chionn gun do mheath fogharadh na machrach.
12
Tha an fhìonain air tiormachadh suas, agus an crann-fìge air seargadh; tha am pomgranat, an crann-pailme fòs agus an crann-ubhall, eadhon uile chraobhan na machrach, air seargadh: gu deimhinn shearg aoibhneas air falbh o chloinn nan daoine.
13
Crioslaichibh sibh fhèin le aodach-saic, agus tuiribh, O shagartan: dèanaibh ulartaich, a luchd-frithealaidh na h‑altarach: thigibh, laighibh fad na h‑oidhche ann an aodach-saic, òglacha mo Dhè: oir tha an tabhartas-bìdh agus an tabhartas-dibhe, air a chumail air ais o thaigh ar Dè.
14
Naomhaichibh-se trasgadh, gairmibh là toirmisg, cruinnichibh na seanairean, uile luchd-àiteachaidh na tìre, gu taigh an Tighearna ur Dia, agus glaodhaibh ris an Tighearna.
15
Och airson an là! Oir tha là an Tighearna dlùth, agus mar lèirsgrios on Uile-chumhachdach thig e.
16
Nach eil ar lòn air a ghearradh as fa chomhair ar sùl? Aoibhneas agus luathghair o thaigh ar Dè?
17
Lobh an sìol fo a fhòidean; dh’fhàgadh fàs na h‑ionadan-tasgaidh; bhriseadh sìos na saibhlean: a chionn gun do shearg an t‑arbhar.
18
Cionnas a tha na beathaichean ag osnaich? Tha na buailtean sprèidhe ann an airc, a chionn nach eil ionaltradh aca: tha na treudan chaorach fòs air am milleadh.
19
Riutsa, O Thighearna, glaodhaidh mise; oir chaith an teine cluaintean an fhàsaich, agus loisg an lasair uile chraobhan na machrach.
20
Tha beathaichean na machrach fòs a’ glaodhaich riutsa: oir thiormaicheadh suas na h‑aibhnichean uisge, agus chaith an teine cluaintean an fhàsaich.
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 2 →
All chapters:
1
2
3