bible
ra
🌐 Language
English
Español
Français
Deutsch
Português
Italiano
Nederlands
Русский
中文
日本語
한국어
العربية
Türkçe
Tiếng Việt
ไทย
Indonesia
All Languages
Home
/
Gaelic
/
Gaelic - Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
/
Matthew 10
Matthew 10
Gaelic - Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
← Chapter 9
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 25
Chapter 26
Chapter 27
Chapter 28
Chapter 11 →
1
Agus air gairm a dhà-dheisciobal-dheug da ionnsaigh, thug e cumhachd dhaibh an aghaidh nan spiorad neòghlan, gu an tilgeadh a‑mach, agus a shlànachadh gach gnè easlaint, agus gach gnè eucail.
2
Agus is iad seo ainmean an dà‑abstol-dheug; an ciad fhear, Sìmon den goirear Peadar, agus Anndras a bhràthair, Seumas mac Shebede, agus Eòin a bhràthair;
3
Philip agus Bartolemèus, Tòmas, agus Mata an cìs-mhaor, Seumas mac Alphèuis, agus Lebèus don co‑ainm Tadèus;
4
Sìmon an Canàanach, agus Iùdas Iscariot, an neach fòs a bhrath esan.
5
Chuir Iosa an dà‑fhear-dheug seo a‑mach a’ tabhairt àithne dhaibh, ag ràdh, Na gabhaibh gu slighe nan Cinneach, agus na rachaibh a‑steach do aon bhaile a bhuineas do na Samaritanaich:
6
Ach gum b’fheàrr leibh dol a dh’ionnsaigh caoraich chaillte taigh Israeil.
7
Agus air imeachd dhuibh, searmonaichibh, ag ràdh, Tha rìoghachd nèimh am fagas.
8
Lèighsibh an dream a tha tinn, glanaibh na lobhair, dùisgibh na mairbh, tilgibh a‑mach na deamhain: an asgaidh fhuair sibh, an asgaidh thugaibh uaibh.
9
Na solairibh òr, no airgead, no umha nur sporanan;
10
No màla a‑chum ur turais, no dà chòta, no brògan, no bataichean: (oir is airidh am fear-obrach air a lòn).
11
Agus ge bè air bith cathair no baile don tèid sibh a‑steach, feòraichibh cò a tha na dheagh-airidh innte; agus fanaibh an sin gus am fàg sibh an t‑àite sin.
12
Agus nuair a thig sibh a‑steach do thaigh, beannaichibh dha.
13
Agus mas airidh an taigh sin, thigeadh ur sìth air; ach mura airidh, tilleadh ur sìth dur n‑ionnsaigh fhèin a‑rìs.
14
Agus ge bè neach nach gabh ribh, agus nach èisd ri ur briathran; air dol a‑mach as an taigh, no as a’ bhaile sin dhuibh, crathaibh dhibh duslach ur cas.
15
Gu deimhinn tha mi ag ràdh ribh gur so‑iomchaire a bhios staid fearann Shòdoim agus Ghomorrah ann an là a’ bhreitheanais na staid a’ bhaile sin.
16
Feuch, cuiridh mise sibhse a‑mach mar chaoraich am measg mhadadh-allaidh: air an adhbhar sin bithibh-se glic mar na nathraichean, agus neo-chronail mar na calamain.
17
Ach bithibh air ur faicill o dhaoine, oir bheir iad an làimh sibh do chomhairlean, agus sgiùrsaidh iad sibh nan sionagogan:
18
Agus bheirear sibh an làthair uachdaran agus rìghrean air mo sgàth-sa, mar fhianais dhaibhsan agus do na Cinnich.
19
Ach nuair a bheir iad an làimh sibh, na biodh e na ro‑chàs oirbh cionnas no ciod a labhras sibh; oir bheirear dhuibh, anns an uair sin fhèin, an nì a labhras sibh.
20
Oir cha sibhse a labhras, ach Spiorad ur n‑Athar fhèin a labhras annaibh.
21
Agus bheir am bràthair a bhràthair fhèin suas a‑chum bàis, agus an t‑athair am mac; agus èiridh a’ chlann an aghaidh am pàrantan, agus bheir iad fa‑near gun cuirear gu bàs iad.
22
Agus bidh fuath aig na h‑uile dhaoine dhuibh airson m’ainme-sa: ach, ge bè a bhuanaicheas gus a’ chrìoch, is e seo a thèarnar.
23
Agus nuair a nì iad geur-leanmhainn oirbh anns a’ bhaile seo, teichibh gu baile eile; oir gu deimhinn tha mi ag ràdh ribh nach imich sibh air feadh bhailtean Israeil mun tig Mac an Duine.
24
Chan eil an deisciobal os cionn a mhaighistir, no an seirbhiseach os cionn a thighearna.
25
Is leòr don deisciobal a bhith mar a mhaighistir, agus don t‑seirbhiseach a bhith mar a thighearna: ma ghoir iad Beelsebub de fhear an taighe, nach mò na sin a ghoireas iad e de a mhuinntir?
26
Uime sin na biodh eagal oirbh romhpa: oir chan eil nì sam bith falaichte nach foillsichear; agus an cleith nach dèanar aithnichte.
27
An nì a dh’innseas mise dhuibh anns an dorchadas, labhraibh e anns an t‑solas; agus an nì a chluinneas sibh anns a’ chluais, searmonaichibh e air mullach nan taighean.
28
Agus na biodh eagal na muinntir sin oirbh a mharbhas an corp, ach aig nach eil comas an t‑anam a mharbhadh: ach gum bu mhò a bhios eagal an Tì sin oirbh, as urrainn an corp agus an t‑anam a mhilleadh araon ann an ifrinn.
29
Nach eil dà ghealbhan air an reic air feòirling: agus cha tuit a h‑aon dhiubh air an talamh as eugmhais freasdal ur n‑Athar-se.
30
Ach tha eadhon fuilteanan ur cinn uile air an àireamh.
31
Air an adhbhar sin na biodh eagal oirbh; is fheàrr sibhse na mòran ghealbhan.
32
Uime sin ge bè a dh’aidicheas mise am fianais dhaoine, aidichidh mise esan mar an ceudna am fianais m’Athar a tha air nèamh.
33
Ach ge bè a dh’àicheas mise am fianais dhaoine, àichidh mise esan am fianais m’Athar a tha air nèamh.
34
Na measaibh gun tàinig mise a chur sìthe air an talamh: chan ann a chur sìthe a thàinig mi, ach a chur claidheimh.
35
Oir thàinig mi a chur duine an aghaidh a athar, agus na nighinn an aghaidh a màthar, agus bean a’ mhic an aghaidh a màthar-chèile.
36
Agus is iad muinntir a theaghlaich fhèin a bhios nan naimhdean do dhuine.
37
An tì a ghràdhaicheas athair no màthair nas mò na mise, chan airidh orm e: agus an tì a ghràdhaicheas mac no nighean os mo chionn-sa, chan airidh orm e:
38
Agus an tì nach glac a chrann-ceusaidh, agus nach lean mise, chan airidh orm e.
39
An tì a gheibh a anam, caillidh e e: ach an tì a chailleas a anam air mo shon-sa, gheibh e e.
40
An tì a ghabhas ribhse, gabhaidh e riumsa; agus an tì a ghabhas riumsa, gabhaidh e ris an tì a chuir uaithe mi.
41
An tì a ghabhas ri fàidh ann an ainm fàidh, gheibh e duais fàidh; agus an tì a ghabhas ri fìrean ann an ainm fìrein, gheibh e duais fìrein.
42
Agus ge bè a bheir cupan de uisge fuar a‑mhàin ra òl do aon den mhuinntir bhig seo, an ainm deisciobail, gu deimhinn tha mi ag ràdh ribh nach caill e air chor sam bith a dhuais.
← Chapter 9
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 25
Chapter 26
Chapter 27
Chapter 28
Chapter 11 →
All chapters:
1
2
3
4
5
6
7
8
9
10
11
12
13
14
15
16
17
18
19
20
21
22
23
24
25
26
27
28