bible
ra
🌐 Language
English
Español
Français
Deutsch
Português
Italiano
Nederlands
Русский
中文
日本語
한국어
العربية
Türkçe
Tiếng Việt
ไทย
Indonesia
All Languages
Home
/
Gaelic
/
Gaelic - Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
/
Micah 4
Micah 4
Gaelic - Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
← Chapter 3
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 5 →
1
Ach tàrlaidh anns na làithean deireannach gum bi sliabh taigh an Tighearna air a dhaingneachadh air mullach nan sliabh, agus àrdaichear e os cionn nam beann; agus sruthaidh na slòigh da ionnsaigh.
2
Agus thèid mòran chinneach, agus their iad, Thigibh, agus rachamaid suas gu sliabh an Tighearna, agus gu taigh Dia Iàcoib; agus teagaisgidh e dhuinn ma shlighean, agus gluaisidh sinne na cheuman: oir à Sion thèid an lagh a‑mach, agus facal an Tighearna à Ierusalem.
3
Agus bheir e breith am measg mòran shluagh, agus bheir e achmhasan do chinnich làidir fad as; agus buailidh iad an claidheamhan gu coltair, agus an sleaghan gu corranan-sgathaidh: cha tog cinneach claidheamh an aghaidh cinnich, agus chan fhòghlaim iad cogadh nas mò.
4
Ach suidhidh iad gach duine fo a fhìonain, agus fo a chrann-fìge fhèin, agus cha chuir aon neach eagal orra; oir beul Iehòbhah, Dia nan sluagh, labhair e.
5
Oir gluaisidh na h‑uile shlòigh, gach aon ann an ainm a dhè fhèin; ach gluaisidh sinne ann an ainm Iehòbhah ar Dia-ne gu saoghal nan saoghal.
6
Anns an là sin, tha an Tighearna ag ràdh, cruinnichidh mi ise a tha bacach, agus tionailidh mi ise a tha air a fògradh a‑mach, agus ise a chuir mi fo àmhghar.
7
Agus nì mi ise a bha bacach na h‑iarmad, agus ise a bha air a tilgeadh air falbh na cinneach làidir; agus riaghlaidh an Tighearna os an cionn ann an sliabh Shioin, o seo a‑mach, eadhon gu sìorraidh.
8
Agus thusa, O thùir an treud, a dhaingnich làidir nighean Shioin, thig d’àm‑sa; agus tillidh an t‑seann uachdaranachd, an rìoghachd, gu nighinn Ierusaleim.
9
A‑nis carson a tha thu a’ glaodhaich gu h‑àrd? A bheil rìgh air bith annad? An do bhàsaich d’fhear-comhairle? Oir ghlac ioghannan thu, mar mhnaoi ri saothair.
10
Bi ann an saothair, agus beir, O nighean Shioin, mar mhnaoi ri saothair: oir a‑nis thèid thu a‑mach as a’ chathair, agus gabhaidh tu còmhnaidh anns a’ mhachair, agus thèid thu eadhon gu Bàbilon; an sin saorar thu; an sin fuasglaidh an Tighearna thu à làimh do naimhdean.
11
A‑nis fòs tha mòran chinneach air cruinneachadh ad aghaidh, a tha ag ràdh, Biodh i air a truailleadh, agus faiceadh ar sùil ar miann air Sion.
12
Ach chan aithne dhaibh seo smuaintean an Tighearna, cha mhò a thuigeas iad a chomhairle: oir nì e an cruinneachadh mar na sguaban a‑chum an ùrlair.
13
Èirich agus buail an t‑arbhar, O nighean Shioin; oir nì mise d’adharc na h‑iarann, agus d’iongannan nan umha; agus buailidh tu nam bloighdean mòran chinneach; agus coisrigidh tu an ionmhas don Tighearna; agus am maoin do Thriath na talmhainn uile.
← Chapter 3
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 5 →
All chapters:
1
2
3
4
5
6
7