bible
ra
🌐 Language
English
Español
Français
Deutsch
Português
Italiano
Nederlands
Русский
中文
日本語
한국어
العربية
Türkçe
Tiếng Việt
ไทย
Indonesia
All Languages
Home
/
Gaelic
/
Gaelic - Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
/
Revelation 6
Revelation 6
Gaelic - Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
← Chapter 5
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 7 →
1
Agus chunnaic mi, nuair a dh’fhosgail an t‑Uan aon de na seulachan, agus chuala mi aon de na ceithir beò-chreutairean ag ràdh, mar le fuaim tàirneanaich, Thig, agus faic.
2
Agus chunnaic mi, agus, feuch, each geal; agus bha aig an tì a shuidh air, bogha: agus thugadh dha crùn, agus chaidh e a‑mach a’ buadhachadh, agus a‑chum gum buadhaicheadh e.
3
Agus nuair a dh’fhosgail e an dara seula, chuala mi an dara beò-chreutair ag ràdh, Thig, agus faic.
4
Agus chaidh each eile a‑mach, a bha dearg; agus thugadh cumhachd dhàsan a shuidh air, a‑chum sìth a thoirt on talamh, ionnas gum marbhadh iad a chèile: agus thugadh claidheamh mòr dha.
5
Agus nuair a dh’fhosgail e an treas seula, chuala mi an treas beò-chreutair ag ràdh, Thig, agus faic. Agus dh’amhairc mi, agus, feuch, each dubh, agus bha aig an tì a shuidh air, meidh na làimh.
6
Agus chuala mi guth ann am meadhon nan ceithir beò-chreutairean ag ràdh, Tomhas cruithneachd airson pèighinn, agus trì tomhaisean eòrna air phèighinn; agus na dèan cron air an ola, no air an fhìon.
7
Agus nuair a dh’fhosgail e an ceathramh seula, chuala mi guth a’ cheathramh beò-chreutair ag ràdh, Thig, agus faic.
8
Agus dh’amhairc mi, agus, feuch, each glas; agus b’e ainm an tì a shuidh air, am Bàs, agus lean ifrinn na chuideachd: agus thugadh dhaibh-san cumhachd air a’ cheathramh cuid den talamh a mharbhadh le claidheamh, agus le gorta, agus le bàs, agus le fiadh-bheathaichean na talmhainn.
9
Agus nuair a dh’fhosgail e an còigeamh seula, chunnaic mi fon altair anaman na muinntir sin a mharbhadh airson facal Dhè, agus airson na fianais a thug iad:
10
Agus ghlaodh iad le guth mòr, ag ràdh, Cia fhad, O Thighearna naoimh agus fhìrinnich, gus an dèan thu breitheanas, agus an dìol thu ar fuil-ne orrasan a tha nan còmhnaidh air an talamh?
11
Agus thugadh do gach aon dhiubh trusganan fada geala, agus chaidh a ràdh riu, iad a ghabhail fois fhathast rè ùine bhig, gus am biodh an co‑sheirbhisich mar an ceudna, agus am bràithrean a rachadh a mharbhadh mar a chaidh iadsan, air an coileanadh.
12
Agus dh’amhairc mi nuair a dh’fhosgail e an siathamh seula, agus, feuch, bha crith-thalmhainn mhòr ann; agus dh’fhàs a’ ghrian dubh mar shac-aodach de fhionna, agus dh’fhàs a’ ghealach mar fhuil;
13
Agus thuit reultan nèimh air an talamh, mar a thilgeas craobh-fhìge a fìgean an‑abaich, nuair a chrathar i le gaoith mhòir:
14
Agus chaidh nèamh thairis mar ròla leabhair air fhilleadh air a chèile; agus dh’atharraicheadh gach beinn agus eilean as an ionadan fhèin:
15
Agus dh’fhalaich rìghrean na talmhainn, agus na daoine mòra, agus na daoine saoibhir, agus na h‑àrd-cheannardan, agus na daoine cumhachdach, agus gach tràill, agus gach duine saor, iad fhèin ann an uaimhean agus ann an creagan nam beann;
16
Agus thubhairt iad ris na slèibhtean agus ris na creagan, Tuitibh oirnn, agus falaichibh sinn o ghnùis an Tì a tha na shuidhe air an rìgh-chathair, agus o fheirg an Uain:
17
Oir thàinig là mòr a fheirge-san; agus cò a dh’fhaodas seasamh?
← Chapter 5
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 7 →
All chapters:
1
2
3
4
5
6
7
8
9
10
11
12
13
14
15
16
17
18
19
20
21
22