bible
ra
🌐 Language
English
Español
Français
Deutsch
Português
Italiano
Nederlands
Русский
中文
日本語
한국어
العربية
Türkçe
Tiếng Việt
ไทย
Indonesia
All Languages
Home
/
Gaelic
/
Gaelic - Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
/
Ruth 3
Ruth 3
Gaelic - Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
← Chapter 2
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 4 →
1
An sin thubhairt Naòmi a màthair-chèile rithe, Mo nighean, nach iarr mise suaimhneas dhutsa, a‑chum gun èirich gu math dhut?
2
Agus a‑nis nach eil Bòas de ar dìlsean, aig an robh thu maille ra ghruagaichean? Feuch, bidh e a’ fasgnadh eòrna a‑nochd air an ùrlar-bhualaidh.
3
Uime sin nigh thu fhèin, agus ung thu fhèin, agus cuir do thrusgan ort, agus gabh sìos don ùrlar-bhualaidh: ach na dèan thu fhèin aithnichte don duine, gus an sguir e a dh’ithe agus a dh’òl.
4
Agus nuair a laigheas e sìos, bheir thu fa‑near an t‑àit anns an laigh e, agus thèid thu agus rùisgidh tu a chasan, agus laighidh tu sìos; agus innsidh e dhut ciod a nì thu.
5
Agus thubhairt i rithe, Gach nì a tha thu ag ràdh rium nì mise.
6
Agus chaidh i sìos don ùrlar-bhualaidh, agus rinn i a rèir gach nì a dh’àithn a màthair-chèile dhi.
7
Agus nuair a dh’ith agus a dh’òl Bòas, agus a bha a chridhe subhach, chaidh e a laighe sìos aig ceann an dùn arbhair: agus thàinig i gu sàmhach, agus rùisg i a chasan, agus laigh i sìos.
8
Agus nuair a bha e mu mheadhon-oidhche, bha eagal air an duine, agus thionndaidh e e fhèin; agus, feuch, bean na laighe aig a chasan.
9
Agus thubhairt e, Cò thusa? Agus fhreagair i, Is mise Rut, do bhanoglach: sgaoil uime sin iomall d’aodaich air do bhanoglaich, oir is fear-dàimh thu.
10
Agus thubhairt e, Beannaichte gu robh thusa on Tighearna, mo nighean; nochd thu tuilleadh coibhneis mu dheireadh na an toiseach, do bhrìgh nach deachaidh tu an dèidh òigfhir, bochd no beartach.
11
Agus a‑nis, mo nighean, na biodh eagal ort; gach nì a tha thu ag iarraidh, nì mi dhut; oir tha fhios aig uile bhaile mo shluaigh gur bean shubhailceach thu.
12
Agus a‑nis tha e fìor gur fear-dàimh dhut mise; gidheadh tha fear-dàimh as fhaisge dhut na mi.
13
Fan a‑nochd, agus anns a’ mhadainn ma nì e riut dlighe fir-dàimh, tha sin gu math, dèanadh e dlighe fir-dàimh; ach mura bi e toileach dlighe fir-dàimh a dhèanamh riut, an sin nì mise dlighe fir-dàimh riut, mar as beò an Tighearna: laigh sìos gu madainn.
14
Agus laigh i sìos aig a chasan gu madainn: agus dh’èirich i mun robh e an comas do dhuine duine eile aithneachadh. Agus thubhairt e, Na biodh fhios aig neach air bith gun tàinig bean a‑steach don ùrlar-bhualaidh.
15
Mar an ceudna thubhairt e, Thoir an seo am brat a tha agad umad, agus cùm e. Agus chùm i e, agus thomhais e sia tomhaisean eòrna, agus chuir e oirre iad: agus chaidh i a‑steach don bhaile.
16
Agus nuair a thàinig i a dh’ionnsaigh a màthar-chèile, thubhairt i, Cò thusa, mo nighean? Agus dh’innis i dhi gach nì a rinn an duine dhi.
17
Agus thubhairt i, Na sia tomhaisean eòrna seo thug e dhomh; oir thubhairt e rium, Na imich falamh a dh’ionnsaigh do mhàthar-chèile.
18
Agus thubhairt ise, Fuirich, mo nighean, gus am bi fhios agad cionnas a dh’èireas don chùis: oir cha bhi an duine aig fois gus an crìochnaich e an gnothach an‑diugh.
← Chapter 2
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 4 →
All chapters:
1
2
3
4