bible
ra
🌐 Language
English
Español
Français
Deutsch
Português
Italiano
Nederlands
Русский
中文
日本語
한국어
العربية
Türkçe
Tiếng Việt
ไทย
Indonesia
All Languages
Home
/
Gaelic
/
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
/
1 Timothy 2
1 Timothy 2
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
← Chapter 1
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 3 →
1
Tha mi ag iarraidh uime sin, ro na h‑uile nithean, gun dèanar athchuinge, ùrnaighean, eadar‐ghuidhe, agus breith‐buidheachais airson nan uile dhaoine:
2
Airson rìghrean, agus airson nan uile a tha ann an ùghdarras: a‑chum gun caith sinn ar beatha gu foisneach agus gu sìochail, anns an uile dhiadhachd agus chiatachd.
3
Oir tha seo math agus taitneach am fianais Dhè ar Slànaighear:
4
Neach leis an àill na h‑uile dhaoine a bhith air an tèarnadh, agus iad a theachd a‑chum eòlas na fìrinn.
5
Oir is aon Dia a tha ann, agus aon eadar‐mheadhonair eadar Dia agus daoine, an duine Iosa Crìosd;
6
A thug e fhèin na èirig airson nan uile, mar fhianais ann an àm iomchaidh:
7
A‑chum an d’òrdaicheadh mise am shearmonaiche, agus am abstol (tha mi a’ labhairt na fìrinn ann an Crìosd, chan eil mi a’ dèanamh brèige), am fhear‐teagaisg nan Cinneach ann an creideamh agus ann am fìrinn.
8
Uime sin is àill leam na fir a dhèanamh ùrnaigh anns gach àit, a’ togail suas làmhan naomha gun fheirg, gun amharas:
9
Air an dòigh cheudna, na mnathan a chur aodaich iomchaidh umpa, gan sgeadachadh fhèin le nàisneachd agus stuaim: chan ann le casadh an gruaige, no le òr, no le neamhnaidean, no le culaidhean luachmhor;
10
Ach (mar as cubhaidh do mhnathan a tha ag aideachadh diadhachd), le deagh obraichean.
11
Fòghlamadh a’ bhean ann an ciùineas leis an uile ùmhlachd.
12
Ach chan eil mi a’ ceadachadh do mhnaoi teagasg a thoirt uaipe, no ceannas a ghlacadh air an fhear, ach i a bhith na tosd.
13
Oir is e Adhamh a chruthaicheadh air tùs, agus na dhèidh sin Eubha.
14
Agus cha b’e Adhamh a mhealladh, ach air don mhnaoi a bhith air a mealladh, bha i anns a’ chionta.
15
Gidheadh tèarnar i tre bhreith cloinne, ma bhuanaicheas iad ann an creideamh, agus ann an gràdh, agus ann an naomhachd, maille ri stuaim.
← Chapter 1
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 3 →
All chapters:
1
2
3
4
5
6