bible
ra
🌐 Language
English
Español
Français
Deutsch
Português
Italiano
Nederlands
Русский
中文
日本語
한국어
العربية
Türkçe
Tiếng Việt
ไทย
Indonesia
All Languages
Home
/
Gaelic
/
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
/
2 Peter 3
2 Peter 3
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
← Chapter 2
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
1
An dara litir seo, a mhuinntir mo ghràidh, tha mi a’ sgrìobhadh dur n‑ionnsaigh a‑nis; annta le chèile tha mi a’ brosnachadh ur n‑inntinn fhìorghlain le ur cur an cuimhne:
2
A‑chum gum bi sibh cuimhneachail air na briathran a labhradh roimhe leis na fàidhean naomha, agus air ar n‑àithne‐ne, abstoil an Tighearna agus an t‑Slànaighir:
3
Air dhuibh fhios seo a bhith agaibh air tùs, gun tig anns na làithean deireannach luchd‐fochaid, ag imeachd a rèir an ana‑miann fhèin.
4
Agus ag ràdh, Càit a bheil gealladh a theachd? Oir o chaidil na h‑athraichean, tha na h‑uile nithean a’ fantainn mar a bha iad o thoiseach a’ chruthachaidh.
5
Oir tha iad aineolach air seo de an deòin, gu robh na nèamhan ann o chian, agus an talamh na sheasamh as an uisge, agus anns an uisge, tre fhacal Dhè:
6
Tre an deachaidh an saoghal a bha an sin ann a sgrios, air teachd don dìle air.
7
Ach tha na nèamhan agus an talamh a tha a‑nis ann, leis an fhacal sin fhèin air an tasgadh suas, agus air an gleidheadh fa chomhair teine air cheann là a’ bhreitheanais, agus sgrios dhaoine an‑diadhaidh.
8
Ach, a mhuinntir mo ghràidh, na bithibh‐se aineolach air an aon nì seo, gu bheil aon là aig an Tighearna mar mhìle bliadhna, agus mìle bliadhna mar aon là.
9
Chan eil an Tighearna mall a‑thaobh a gheallaidh (mar a mheasas dream àraidh moille), ach tha e fad‐fhulangach dar taobh‐ne, gun toil aige dream sam bith a bhith caillte, ach na h‑uile dhaoine a theachd gu aithreachas.
10
Ach thig là an Tighearna mar ghadaiche anns an oidhche; anns an tèid na nèamhan thairis le toirm mhòir, agus anns an leagh na dùilean le dian‐theas; agus bidh an talamh mar an ceudna, agus na h‑obraichean a tha air, air an losgadh suas.
11
Uime sin do bhrìgh gum bi na nithean seo uile air an sgaoileadh as a chèile, ciod a’ ghnè dhaoine a bu chòir a bhith annaibh, ann an caitheamh‐beatha naomh, agus diadhachd,
12
Le sùil a bhith agaibh ris, agus a’ luathachadh a‑chum teachd là Dhè, anns am bi na nèamhan, air dhaibh a bhith ri theine, air an sgaoileadh as a chèile, agus anns an leaghar na dùilean le dian‐theas?
13
Gidheadh tha dùil againne ri nèamhan nuadh agus talamh nuadh, a rèir a gheallaidh, anns an còmhnaich fìreantachd.
14
Uime sin, a mhuinntir ionmhainn, o tha dùil agaibh ris na nithean sin, dèanaibh ur dìcheall a‑chum gum faighear leis‐san ann an sìth sibh, gun smal agus neo‐lochdach:
15
Agus measaibh gur slàinte fad‐fhulangas ar Tighearna; amhail a sgrìobh ar bràthair gràdhach Pòl mar an ceudna dur n‑ionnsaigh, a rèir a’ ghliocais a thugadh dha;
16
Eadhon mar na litrichean uile, a’ labhairt annta mu na nithean seo; anns a bheil cuid de nithean do‑thuigsinn, a tha an dream a tha neo‐fhòghlaimte, agus neo‐sheasmhach, a’ fiaradh, mar na sgriobtairean eile, a‑chum an sgrios fhèin.
17
Ach sibhse, a mhuinntir mo ghràidh, o is aithne dhuibh na nithean seo ro‑làimh, thugaibh an aire air eagal air dhuibhse mar an ceudna a bhith air ur tarraing air falbh le seachran nan daoine an‑diadhaidh, gun tuit sibh o ur seasmhachd fhèin:
18
Ach fàsaibh ann an gràs, agus ann an eòlas ar Tighearna agus ar Slànaighir, Iosa Crìosd. Dhàsan gu robh glòir a‑nis agus gu sìorraidh. Amen.
← Chapter 2
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
All chapters:
1
2
3