bible
ra
🌐 Language
English
Español
Français
Deutsch
Português
Italiano
Nederlands
Русский
中文
日本語
한국어
العربية
Türkçe
Tiếng Việt
ไทย
Indonesia
All Languages
Home
/
Gaelic
/
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
/
Daniel 2
Daniel 2
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
← Chapter 1
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 3 →
1
Agus anns an dara bliadhna de linn Nebuchadnesair, bhruadair Nebuchadnesar bruadar, leis an robh a inntinn air a buaireadh, agus dhealaich a chadal ris.
2
An sin dh’àithn an rìgh na draoidhean, agus na speuradairean, agus an luchd‐fiosachd, agus na Caldèanaich, a ghairm, a dh’fheuchainn don rìgh a bhruadair: mar sin thàinig iad, agus sheas iad an làthair an rìgh.
3
Agus thubhairt an rìgh riu, Bhruadair mi bruadar, agus bha m’inntinn air a buaireadh a dh’fhaotainn fios a’ bhruadair.
4
An sin labhair na Caldèanaich ris an rìgh anns a’ chànain Shirianaich, O rìgh, mair beò gu bràth: innis dod sheirbhisich am bruadar, agus feuchaidh sinne a bhrìgh.
5
Fhreagair an rìgh agus thubhairt e ris na Caldèanaich, Tha an nì air dol as m’aire; mura toir sibhse fios dhomh air a’ bhruadar le a bhrìgh, gearrar sibh nur bloighdean, agus nìthear ur taighean nan dùn aolaich.
6
Ach ma dh’fheuchas sibh am bruadar agus a bhrìgh, gheibh sibh uamsa tìodhlacan agus duais, agus onair mhòr: uime sin feuchaibh dhomh am bruadar agus a bhrìgh.
7
Fhreagair iadsan a‑rìs, agus thubhairt iad, Innseadh an rìgh da sheirbhisich am bruadar, agus feuchaidh sinne a bhrìgh.
8
Fhreagair an rìgh agus thubhairt e, Tha fhios agam gu deimhinn gum b’àill leibh ùine fhaotainn, a chionn gu bheil sibh a’ faicinn gu bheil an nì air dol as m’aire.
9
Ach mura toir sibh fios dhomh air a’ bhruadar, chan eil ach an aon bhreith dhuibh: oir dh’ullaich sibh briathran breugach agus truaillidh gu an labhairt am làthair‐sa, gu atharrachadh na h‑aimsir: uime sin innsibh dhomh am bruadar, agus aithnichidh mi gur urrainn sibh a bhrìgh fheuchainn dhomh.
10
Fhreagair na Caldèanaich ann am fianais an rìgh, agus thubhairt iad, Chan eil duine air an talamh as urrainn gnothach an rìgh fhoillseachadh: air an adhbhar sin chan eil rìgh, no tighearna, no fear‐riaghlaidh, a dh’iarr a leithid seo de nithean air an aon draoidh, no speuradair, no Caldèanach.
11
Agus is nì deacair a tha an rìgh ag iarraidh, agus chan eil aon air bith eile as urrainn fheuchainn fa chomhair an rìgh, ach na diathan aig nach eil an còmhnaidh maille ri feòil.
12
Air an adhbhar seo bha an rìgh ann am feirg, agus ann an teas‐chorraich, agus dh’àithn e uile dhaoine glice Bhàbiloin a mhilleadh.
13
Agus chaidh an t‑òrdagh a‑mach gum biodh na daoine glice air am marbhadh; agus dh’iarr iad Daniel agus a chompanaich gu bhith air am marbhadh.
14
An sin fhreagair Daniel le comhairle agus le gliocas Arioch, ceann‐feadhna freiceadan an rìgh, a chaidh a‑mach a mharbhadh daoine glice Bhàbiloin.
15
Fhreagair e agus thubhairt e ri Arioch, ceann‐fheadhna an rìgh, Carson a tha an t‑òrdagh cho dian on rìgh? An sin dh’innis Arioch a’ chùis do Dhaniel.
16
An sin chaidh Daniel a‑steach, agus ghuidh e air an rìgh gun tugadh e dha ùine, agus gum feuchadh e don rìgh a’ bhrìgh.
17
An sin chaidh Daniel ga thaigh, agus dh’innis e a’ chùis do Hananiah, Misael, agus Asariah, a chompanaich;
18
A‑chum gun iarradh iad tròcair air Dia nèimh mu thimcheall na diamhaireachd seo; a‑chum nach bàsaicheadh Daniel agus a chompanaich leis a’ chuid eile de dhaoine glice Bhàbiloin.
19
An sin bha an diamhaireachd air a foillseachadh do Dhaniel ann an sealladh anns an oidhche: an sin bheannaich Daniel Dia nèimh.
20
Fhreagair Daniel, agus thubhairt e, Beannaichte gu robh ainm Dhè gu saoghal nan saoghal; oir is leis‐san gliocas agus cumhachd.
21
Agus atharraichidh e na h‑àmannan, agus na h‑aimsirean: atharraichidh e rìghrean, agus cuiridh e suas rìghrean: bheir e gliocas don ghlic, agus eòlas dhaibhsan don aithne tuigse.
22
Foillsichidh e na nithean domhain agus diamhair: is aithne dha ciod a tha anns an dorchadas, agus tha an solas a chòmhnaidh maille ris.
23
Tha mi a’ toirt buidheachais agus cliù dhut, O thusa, a Dhia m’athraichean, a thug dhomh gliocas agus cumhachd, agus a thug fios dhuinn a‑nis air an nì a dh’iarr sinn ort: oir thug thu fios dhuinn a‑nis air gnothach an rìgh.
24
Uime sin chaidh Daniel a‑steach gu Arioch, a shònraich an rìgh gu daoine glice Bhàbiloin a mhilleadh: chaidh e agus labhair e mar seo ris, Na sgrios daoine glice Bhàbiloin: thoir mise a‑steach ann am fianais an rìgh, agus feuchaidh mi don rìgh an seadh.
25
An sin thug Arioch a‑steach Daniel ann am fianais an rìgh gu luath, agus thubhairt e mar seo ris, Fhuair mi duine de bhraighdean Iùdah, a bheir fios don rìgh air an t‑seadh.
26
Fhreagair an rìgh, agus thubhairt e ri Daniel, dom b’ainm Beltesasar, An urrainn thusa fios a thoirt dhomh air a’ bhruadar a chunnaic mi, agus air a bhrìgh?
27
Fhreagair Daniel ann am fianais an rìgh, agus thubhairt e, An diamhaireachd a dh’iarr an rìgh chan urrainn na daoine glice, na speuradairean, na draoidhean, no an luchd‐fiosachd fheuchainn don rìgh;
28
Ach tha Dia ann an nèamh a dh’fhoillsicheas nithean diamhair, agus a tha a’ toirt fios do Nebuchadnesar ciod a thachras anns na làithean deireannach. Do bhruadar, agus aislingean do chinn air do leabaidh, is iad seo iad:
29
(Dod thaobh‐sa, O rìgh, thàinig do smuaintean ann ad aire air do leabaidh, na nithean a bha ri tachairt na dhèidh seo; agus tha esan a dh’fhoillsicheas nithean diamhair a’ toirt fios dhut ciod a thig gu crìch.
30
Ach dom thaobh‐sa chan eil an diamhaireachd seo air a leigeadh ris dhomh airson gliocais air bith a tha agam thar aon duine beò, ach air an son‐san a nì a’ bhrìgh aithnichte don rìgh; agus a‑chum gum biodh fhios agadsa air smuaintean do chridhe:)
31
Chunnaic thusa, O rìgh, agus feuch ìomhaigh mhòr: sheas an ìomhaigh mhòr seo, aig an robh dealradh òirdheirc, fad chomhair, agus bha a dreach uamhasach.
32
Bha ceann na h‑ìomhaigh seo de òr fìnealta, a h‑uchd agus a làmhan de airgead, a brù agus a slèisdean de umha;
33
A luirgnean de iarann, a casan, cuid de iarann, agus cuid de chriadh.
34
Chunnaic thu gus an robh clach air a gearradh a‑mach gun làmhan, a bhuail an ìomhaigh air a casan a bha de iarann, agus de chriadh, agus a bhris nam bloighdean iad.
35
An sin bha an t‑iarann, a’ chriadh, an t‑umha, an t‑airgead agus an t‑òr, air am briseadh nam bloighdean le chèile, agus dh’fhàs iad cosmhail ri moll nan ùrlar‐bualaidh anns an t‑samhradh, agus thug a’ ghaoth air falbh iad, air chor is nach d’fhuaireadh àite sam bith dhaibh: agus dh’fhàs a’ chlach a bhuail an ìomhaigh na sliabh mòr, agus lìon i an talamh.
36
Seo am bruadar; agus innsidh sinn a bhrìgh an làthair an rìgh.
37
O rìgh, is rìgh os cionn rìghrean thusa: oir thug Dia nèimh dhut rìoghachd, cumhachd, agus neart, agus glòir.
38
Agus càit air bith a bheil clann nan daoine a’ gabhail còmhnaidh, beathaichean na machrach, agus eunlaith an adhair, thug e dod làimh‐sa, agus rinn e uachdaran dhìot os an cionn uile: is tusa an ceann seo de òr.
39
Agus ann ad dhèidh‐sa èiridh rìoghachd eile, nas lugha na thusa, agus treas rìoghachd eile de umha, aig am bi uachdaranachd os cionn an domhain uile.
40
Agus bidh an ceathramh rìoghachd làidir mar iarann: amhail a bhriseas iarann ann am bloighdean, agus a chlaoidheas e na h‑uile nithean: agus amhail iarann a bhriseas iad seo uile, brisidh i ann am bloighdean, agus bruthaidh.
41
Agus mar a chunnaic thu na casan agus na meòir, cuid de chriadh a’ chreadhadair, agus cuid de iarann, bidh an rìoghachd air a roinn; ach bidh innte de neart an iarainn, anns a’ mheud is a chunnaic thu an t‑iarann air a mheasgadh le criadh làthaich.
42
Agus mar a bha meòir nan cas, cuid de iarann, agus cuid de chriadh, bidh cuid den rìoghachd làidir, agus cuid briste.
43
Agus mar a chunnaic thu iarann air a mheasgadh le criadh làthaich, measgaidh iadsan iad fhèin le sìol dhaoine: ach cha ghreimich iad ri chèile, amhail mar nach gabh iarann tàthadh ri criadh.
44
Agus ann an làithean nan rìghrean seo, cuiridh Dia nèimh suas rìoghachd nach tèid gu sìorraidh a sgrios: agus cha bhi an rìoghachd air a fàgail aig sluagh eile, ach brisidh i nam bloighdean, agus caithidh i na rìoghachdan seo uile, agus seasaidh i gu sìorraidh.
45
Anns a’ mheud is gum faca tu gu robh a’ chlach air a gearradh a‑mach as an t‑sliabh as eugmhais làmhan, agus gun do bhris i nam bloighdean an t‑iarann, an t‑umha, a’ chriadh, an t‑airgead agus an t‑òr; thug an Dia mòr fios don rìgh ciod a thig gu crìch na dhèidh seo, agus tha am bruadar cinnteach, agus a bhrìgh dearbhte.
46
An sin thuit an rìgh Nebuchadnesar air a aghaidh, agus thug e urram do Dhaniel, agus dh’àithn e gun tugadh iad dha tabhartas agus boltrach cùbhraidh.
47
Fhreagair an rìgh Daniel, agus thubhairt e, Gu fìrinneach is e ur Dia‐se Dia nan diathan, agus Tighearna nan rìghrean, agus fear‐foillseachaidh nithean diamhair, air dhutsa a bhith comasach an diamhaireachd seo fhoillseachadh.
48
An sin rinn an rìgh duine mòr de Dhaniel, agus thug e dha mòran thìodhlacan luachmhor, agus rinn e fear‐riaghlaidh dheth os cionn mòr‐roinn Bhàbiloin uile, agus ceannard air na h‑uachdarain os cionn uile dhaoine glice Bhàbiloin.
49
An sin dh’iarr Daniel air an rìgh, agus chuir e Sadrach, Mesach, agus Abed‐nego os cionn gnothaichean mòr‐roinn Bhàbiloin, ach shuidh Daniel ann an geata an rìgh.
← Chapter 1
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 3 →
All chapters:
1
2
3
4
5
6
7
8
9
10
11
12