bible
ra
🌐 Language
English
Español
Français
Deutsch
Português
Italiano
Nederlands
Русский
中文
日本語
한국어
العربية
Türkçe
Tiếng Việt
ไทย
Indonesia
All Languages
Home
/
Gaelic
/
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
/
Luke 1
Luke 1
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 2 →
1
Do bhrìgh gun do ghabh mòran os làimh eachdraidh a sgrìobhadh ann an òrdagh air na nithean sin a tha air an coileanadh nar measg‐ne;
2
A rèir mar a dh’aithris na daoine sin dhuinne iad, a chunnaic iad o thùs len sùilean, agus a bha nan luchd‐frithealaidh an fhacail:
3
Chunnacas iomchaidh dhòmhsa mar an ceudna, a Theophiluis ro‑òirdheirc, air faotainn dearbh fhios nan uile nithean dhomh on fhìor thoiseach, sgrìobhadh ad ionnsaigh‐sa ann an òrdagh,
4
A‑chum gum biodh fios agad air cinnteachd nan nithean anns an deachaidh do theagasg.
5
Bha ann an làithean Heroid, rìgh Iudèa, sagart àraidh dom b’ainm Sacharias, de chùrsa Abia: agus bha a bhean de nigheanan Aaroin, agus b’ainm dhi Elisabet.
6
Agus bha iad le chèile ionraic ann am fianais Dhè, ag imeachd ann an uile àitheantan agus òrdaighean an Tighearna gu neo‐lochdach.
7
Agus cha robh duine cloinne aca, do bhrìgh gu robh Elisabet neo‐thorrach, agus bha iad le chèile aosmhor.
8
Agus thàrladh, am feadh a bha esan a’ frithealadh mar shagart an làthair Dhè ann an òrdagh a chùrsa,
9
A rèir gnàth na sagartachd, b’e a chrannchur tùis a losgadh, air dha dol a‑steach do theampall an Tighearna.
10
Agus bha coitheanal an t‑sluaigh uile a’ dèanamh ùrnaigh a‑muigh ri àm na tùise.
11
Agus chunnacas leis‐san aingeal an Tighearna na sheasamh air taobh deas altair na tùise.
12
Agus nuair a chunnaic Sacharias e, bha e fo thrioblaid, agus thuit eagal air.
13
Ach thubhairt an t‑aingeal ris, Na gabh eagal, a Shachariais; oir fhuair d’ùrnaigh èisdeachd, agus beiridh do bhean Elisabet mac dhut, agus bheir thu Eòin mar ainm air.
14
Agus bidh aoibhneas agus subhachas ort; agus nì mòran gàirdeachas ra bhreith.
15
Oir bidh e mòr an làthair an Tighearna, agus chan òl e fìon no deoch làidir; agus bidh e air a lìonadh leis an Spiorad Naomh, eadhon o bhroinn a mhàthar.
16
Agus tillidh e mòran de chloinn Israeil a‑chum an Tighearna an Dia.
17
Agus thèid e roimhesan ann an spiorad agus ann an cumhachd Eliais, a thionndadh cridhe nan athraichean a‑chum na cloinne, agus nan eas‐umhail gu gliocas nam fìrean, a dh’ullachadh pobaill deas don Tighearna.
18
Agus thubhairt Sacharias ris an aingeal, Cionnas a bhios a fhios seo agam? Oir is seann duine mise, agus tha mo bhean aosmhor.
19
Agus fhreagair an t‑aingeal agus thubhairt e ris, Is mise Gabriel a sheasas an làthair Dhè; agus chuireadh mi a labhairt riutsa, agus a dh’innse na naidheachd mhaith seo dhut.
20
Agus, feuch, bidh tu balbh agus gun chomas labhairt, gus an là anns an tig na nithean seo gu crìch, a chionn nach do chreid thu mo bhriathran‐sa, a bhios air an coileanadh nan àm fhèin.
21
Agus bha am poball a’ feitheamh ri Sacharias, agus b’iongantach leo a’ mhoille a rinn e anns an teampall.
22
Agus nuair a thàinig e a‑mach, cha b’urrainn e labhairt riu: agus thuig iad gum faca e sealladh nèamhaidh anns an teampall: oir bha e a’ smèideadh orra, agus dh’fhan e na thosd.
23
Agus thàrladh, nuair a choileanadh làithean a fhrithealaidh, gun deachaidh e da thaigh fhèin.
24
Agus an dèidh nan làithean sin dh’fhàs a bhean Elisabet torrach, agus dh’fhalaich i i fhèin rè còig mìosan, ag ràdh,
25
Is ann mar seo a rinn an Tighearna dhomh anns na làithean air an d’amhairc e orm, a thogail dhìom mo mhaslaidh am measg dhaoine.
26
Agus anns an t‑siathamh mìos, chuireadh an t‑aingeal Gabriel o Dhia, gu baile de Ghalile, dom b’ainm Nàsaret;
27
A dh’ionnsaigh òighe a bha fo cheangal‐pòsaidh aig fear dom b’ainm Iòseph, de thaigh Dhaibhidh; agus b’e ainm na h‑òighe Muire.
28
Agus air dol a‑steach don aingeal da h‑ionnsaigh, thubhairt e, Fàilte dhut, O thusa don do nochdadh mòr dheagh‐ghean tha an Tighearna maille riut: is beannaichte thu am measg bhan.
29
Agus nuair a chunnaic i e, bha i fo thrioblaid inntinn airson a chainnte, agus a’ reusonachadh ciod a’ ghnè fhàilte a dh’fhaodadh a bhith an seo.
30
Agus thubhairt an t‑aingeal rithe, Na biodh eagal ort, a Mhuire: oir fhuair thu deagh‐ghean o Dhia.
31
Agus, feuch, gabhaidh tu ad bhroinn, agus beiridh tu mac, agus bheir thu Iosa mar ainm air.
32
Bidh e mòr, agus goirear Mac an Tì as ro‑àirde dheth; agus bheir an Tighearna Dia dha rìgh‐chathair a athar fhèin Daibhidh.
33
Agus bidh e na Rìgh air taigh Iàcoib gu bràth, agus cha bhi crìoch air a rìoghachd.
34
Agus thubhairt Muire ris an aingeal, Cionnas a bhios seo, do bhrìgh nach eile aithne agamsa air fear?
35
Agus fhreagair an t‑aingeal agus thubhairt e rithe, Thig an Spiorad Naomh ort, agus cuiridh cumhachd an Tì as àirde sgàil ort: uime sin an nì naomh sin a bheirear leat, goirear Mac Dhè dheth.
36
Agus, feuch, do bhana‐charaid Elisabet, tha ise fhèin torrach air mac, na seann aois; agus is e seo an siathamh mìos dhise den goirte bean neo‐thorrach;
37
Oir chan eil nì sam bith do‑dhèante do Dhia.
38
Agus thubhairt Muire, Feuch banoglach an Tighearna; biodh e dhòmhsa a rèir d’fhacail. Agus dh’fhalbh an t‑aingeal uaipe.
39
Agus air èirigh do Mhuire anns na làithean sin, chaidh i le cabhaig do dhùthaich nam beann, gu baile de Iùdah,
40
Agus chaidh i a‑steach do thaigh Shachariais, agus chuir i fàilte air Elisabet.
41
Agus thàrladh nuair a chuala Elisabet beannachadh Mhuire, gun do leum an naoidhean na broinn: agus lìonadh Elisabet leis an Spiorad Naomh.
42
Agus ghlaodh i a‑mach le guth àrd, agus thubhairt i, Is beannaichte thu am measg bhan, agus is beannaichte toradh do bhronn.
43
Agus cionnas a dh’èirich seo dhòmhsa gun tigeadh màthair mo Thighearna am ionnsaigh?
44
Oir feuch, cho luath is a thàinig fuaim do bheannachaidh am chluasan, bhriosg an naoidhean le aoibhneas ann am bhroinn.
45
Agus is beannaichte ise a chreid: oir coileanar na nithean a labhradh rithe leis an Tighearna.
46
Agus thubhairt Muire, Tha m’anam ag àrd‐mholadh an Tighearna;
47
Agus tha mo spiorad a’ dèanamh gàirdeachais ann an Dia mo Shlànaighear:
48
Do bhrìgh gun d’amhairc e air staid ìosail a bhanoglaich: oir feuch, o seo suas goiridh gach linn beannaichte mi.
49
Do bhrìgh gun do rinn an Tì a tha cumhachdach nithean mòra dhomh; agus is naomh a ainm.
50
Agus tha a thròcair‐san o linn gu linn, don dream don eagal e.
51
Nochd e neart le a ghàirdean, sgap e na h‑uaibhrich ann an smaointean an cridhe fhèin.
52
Thug e a‑nuas na daoine cumhachdach on cathraichean rìoghail, agus dh’àrdaich e iadsan a bha ìosal.
53
Lìon e an dream a bha acrach le nithean matha; agus chuir e uaithe na daoine saoibhir falamh.
54
Rinn e còmhnadh ri Israel, a òglach fhèin, ann an cuimhneachadh a thròcair,
55
Mar a labhair e ri ar n‑athraichean, do Abrahàm agus da shliochd gu bràth.
56
Agus dh’fhan Muire maille rithe mu thimcheall trì mìosan, agus thill i da taigh fhèin.
57
A‑nis thàinig làn inbhe Elisabeit, gum biodh i air a h‑aisead; agus rug i mac.
58
Agus chuala a coimhearsnaich agus a càirdean mar a nochd an Tighearna mòr‐thròcair dhi: agus rinn iad gàirdeachas maille rithe.
59
Agus thàrladh air an ochdamh là gun tàinig iad a thimcheall‐ghearradh an naoidhein; agus ghairm iad Sacharias dheth a rèir ainm a athar.
60
Agus fhreagair a mhàthair, agus thubhairt i, Chan eadh; ach goirear Eòin dheth.
61
Agus thubhairt iad rithe, Chan eil aon neach ded chàirdean den gairmear an t‑ainm seo.
62
Agus smèid iad air a athair, ciod an t‑ainm a b’àill leis a thoirt air.
63
Agus air iarraidh clàir‐sgrìobhaidh dhàsan, sgrìobh e, ag ràdh, Is e Eòin as ainm dha. Agus ghabh iad iongantas uile.
64
Agus air ball dh’fhosgladh a bheul, agus dh’fhuasgladh a theanga, agus labhair e, a’ moladh Dhè.
65
Agus thàinig eagal air an coimhearsnaich uile: agus dh’aithriseadh na nithean sin gu lèir air feadh dùthaich àrd Iudèa uile.
66
Agus iadsan uile a chuala na nithean sin, thaisg iad nan cridhe iad, ag ràdh, Ciod a’ ghnè leinibh a bhios an seo? Agus bha làmh an Tighearna maille ris.
67
Agus bha Sacharias, a athair, air a lìonadh leis an Spiorad Naomh, agus rinn e fàidheadaireachd, ag ràdh,
68
Guma beannaichte an Tighearna Dia Israeil, airson gun d’fhiosraich e agus gun tug e saorsa da phoball,
69
Agus gun do thog e suas dhuinne adharc slàinte ann an taigh Dhaibhidh, a òglach fhèin;
70
A rèir mar a labhair e le beul a fhàidhean naomha fhèin, a bha ann o thoiseach an t‑saoghail;
71
A thoirt saorsa dhuinn o ar naimhdean, agus o làimh na muinntir sin uile lem fuathach sinn:
72
A choileanadh na tròcair a gheall e dar n‑athraichean, agus a chuimhneachadh a choicheangail naoimh fhèin:
73
Na mionnan a mhionnaich e dar n‑athair Abrahàm,
74
Gun tugadh e dhuinn, air dhuinn a bhith air ar saoradh o làimh ar naimhdean, gun dèanamaid seirbhis dha as eugmhais eagail,
75
Ann an naomhachd agus ann am fìreantachd na làthair fhèin uile làithean ar beatha.
76
Agus thusa, a leinibh, goirear dhìot Fàidh an Tì as àirde: oir thèid thu ro aghaidh an Tighearna, a dh’ullachadh a shlighe;
77
A thoirt eòlas na slàinte da phoball, ann am maitheanas am peacaidhean.
78
Tro thròcair ro‑mhòr ar Dè‑ne, leis an d’fhiosraich an ùr‑mhadainn on ionad as àirde sinn,
79
A thoirt solais dhaibhsan a tha nan suidhe ann an dorchadas agus ann an sgàil a’ bhàis, a threòrachadh ar cas air slighe na sìthe.
80
Agus dh’fhàs an leanabh, agus neartaicheadh ann an spiorad e, agus bha e anns an fhàsach gu là a fhoillseachaidh do Israel.
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 2 →
All chapters:
1
2
3
4
5
6
7
8
9
10
11
12
13
14
15
16
17
18
19
20
21
22
23
24