bible
ra
🌐 Language
English
Español
Français
Deutsch
Português
Italiano
Nederlands
Русский
中文
日本語
한국어
العربية
Türkçe
Tiếng Việt
ไทย
Indonesia
All Languages
Home
/
Gaelic
/
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
/
Ruth 3
Ruth 3
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
← Chapter 2
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 4 →
1
An sin thubhairt Naòmi a màthair‐chèile rithe, Mo nighean, nach iarr mise suaimhneas dhutsa, a‑chum gun èirich gu math dhut?
2
Agus a‑nis nach eil Bòas de ar dìlsean, aig an robh thu maille ra ghruagaichean? Feuch, bidh e a’ fasgnadh eòrna a‑nochd air an ùrlar‐bhualaidh.
3
Uime sin nigh thu fhèin, agus ung thu fhèin, agus cuir do thrusgan ort, agus gabh sìos don ùrlar‐bhualaidh: ach na dèan thu fhèin aithnichte don duine, gus an sguir e a dh’ithe agus a dh’òl.
4
Agus nuair a laigheas e sìos, bheir thu fa‑near an t‑àit anns an laigh e, agus thèid thu agus rùisgidh tu a chasan, agus laighidh tu sìos; agus innsidh e dhut ciod a nì thu.
5
Agus thubhairt i rithe, Gach nì a tha thu ag ràdh rium nì mise.
6
Agus chaidh i sìos don ùrlar‐bhualaidh, agus rinn i a rèir gach nì a dh’àithn a màthair‐chèile dhi.
7
Agus nuair a dh’ith agus a dh’òl Bòas, agus a bha a chridhe subhach, chaidh e a laighe sìos aig ceann an dùn arbhair: agus thàinig i gu sàmhach, agus rùisg i a chasan, agus laigh i sìos.
8
Agus nuair a bha e mu mheadhon‐oidhche, bha eagal air an duine, agus thionndaidh e e fhèin; agus, feuch, bean na laighe aig a chasan.
9
Agus thubhairt e, Cò thusa? Agus fhreagair i, Is mise Rut, do bhanoglach: sgaoil uime sin iomall d’aodaich air do bhanoglaich, oir is fear‐dàimh thu.
10
Agus thubhairt e, Beannaichte gu robh thusa on Tighearna, mo nighean; nochd thu tuilleadh coibhneis mu dheireadh na an toiseach, do bhrìgh nach deachaidh tu an dèidh òigfhir, bochd no beartach.
11
Agus a‑nis, mo nighean, na biodh eagal ort; gach nì a tha thu ag iarraidh, nì mi dhut; oir tha fhios aig uile bhaile mo shluaigh gur bean shubhailceach thu.
12
Agus a‑nis tha e fìor gur fear‐dàimh dhut mise; gidheadh tha fear‐dàimh as fhaisge dhut na mi.
13
Fan a‑nochd, agus anns a’ mhadainn ma nì e riut dlighe fir‐dàimh, tha sin gu math, dèanadh e dlighe fir‐dàimh; ach mura bi e toileach dlighe fir‐dàimh a dhèanamh riut, an sin nì mise dlighe fir‐dàimh riut, mar as beò an Tighearna: laigh sìos gu madainn.
14
Agus laigh i sìos aig a chasan gu madainn: agus dh’èirich i mun robh e an comas do dhuine duine eile aithneachadh. Agus thubhairt e, Na biodh fhios aig neach air bith gun tàinig bean a‑steach don ùrlar‐bhualaidh.
15
Mar an ceudna thubhairt e, Thoir an seo am brat a tha agad umad, agus cùm e. Agus chùm i e, agus thomhais e sia tomhaisean eòrna, agus chuir e oirre iad: agus chaidh i a‑steach don bhaile.
16
Agus nuair a thàinig i a dh’ionnsaigh a màthar‐chèile, thubhairt i, Cò thusa, mo nighean? Agus dh’innis i dhi gach nì a rinn an duine dhi.
17
Agus thubhairt i, Na sia tomhaisean eòrna seo thug e dhomh; oir thubhairt e rium, Na imich falamh a dh’ionnsaigh do mhàthar‐chèile.
18
Agus thubhairt ise, Fuirich, mo nighean, gus am bi fhios agad cionnas a dh’èireas don chùis: oir cha bhi an duine aig fois gus an crìochnaich e an gnothach an‑diugh.
← Chapter 2
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 4 →
All chapters:
1
2
3
4