bible
ra
🌐 Language
English
Español
Français
Deutsch
Português
Italiano
Nederlands
Русский
中文
日本語
한국어
العربية
Türkçe
Tiếng Việt
ไทย
Indonesia
All Languages
Home
/
Gaelic
/
Gaelic (Scottish) (An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017 )
/
1 John 1
1 John 1
Gaelic (Scottish) (An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017 )
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 2 →
1
An rud a bh' ann o thoiseach, a chuala sinn, a chunnaic sinn ler sùilean, air an do choimhead sinn agus a làimhsich ar làmhan — mu Fhacal na beatha.
2
— agus nochd a' bheatha, agus chunnaic sinn i agus tha sinn a' toirt fianais oirre; agus tha sinn a' cur an cèill dhuibhse a' bheatha shìorraidh, a bha còmhla ris an Athar agus a chaidh a nochdadh dhuinne.
3
Tha sinn a' cur an cèill dhuibhse an rud a chunnaic agus a chuala sinn airson 's gum bi co‑chomann agaibhse cuideachd leinne. Agus tha an co‑chomann againne gu deimhinn còmhla ris an Athar agus ri a Mhac, Ìosa Crìosd.
4
Tha sinn a' sgrìobhadh seo thugaibh airson 's gum bi ar n‑aoibhneas làn.
5
Agus 's e seo an teachdaireachd a chuala sinn uaithe‑san agus a tha sinn a' cur an cèill dhuibhse: gur solas Dia, agus nach eil dorchadas sam bith annsan.
6
Ma chanas sinn gu bheil co‑chomann againne ris‑san agus gu bheil sinn a' coiseachd ann an dorchadas, tha sinn breugach agus chan eil sinn a' cur na fìrinne an gnìomh.
7
Ach ma choisicheas sinn san t‑solas, mar a tha esan san t‑solas, tha co‑chomann againn ri càch‑a‑chèile, agus tha fuil Ìosa, a Mhac‑san, gar glanadh on a h‑uile peacadh.
8
Ma chanas sinn nach eil peacadh againn, tha sinn gar mealladh fhèin agus chan eil an fhìrinn annainn.
9
Ma dh'aidicheas sinn ar peacaidhean, tha esan dìleas is fìreanta gus ar peacaidhean a mhathadh agus ar glanadh on a h‑uile neo‑fhìreantachd.
10
Ma chanas sinn nach do pheacaich sinn, tha sinn a' dèanamh breugaire dheth‑san, agus chan eil fhacal‑san annainn.
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 2 →
All chapters:
1
2
3
4
5