bible
ra
🌐 Language
English
Español
Français
Deutsch
Português
Italiano
Nederlands
Русский
中文
日本語
한국어
العربية
Türkçe
Tiếng Việt
ไทย
Indonesia
All Languages
Home
/
Gaelic
/
Gaelic (Scottish) (An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017 )
/
1 Thessalonians 4
1 Thessalonians 4
Gaelic (Scottish) (An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017 )
← Chapter 3
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 5 →
1
Mu dheireadh, mar sin, a bhràithrean, tha sinn ag iarraidh oirbh agus gur misneachadh san Tighearna Ìosa — dìreach mar a fhuair sibh uainne — a thaobh mar is èiginn dhuibhse a bhith beò agus a bhith taitneach do Dhia; dìreach mar a tha sibh beò, biodh sibh a' meudachadh gu mòr.
2
Oir tha fios agaibh air na h‑òrduighean a thug sinn dhuibh, tron Tighearna Ìosa.
3
Oir is e seo toil Dhè, ur naomhachadh: gun seachnadh sibh strìopachas;
4
gum biodh fios aig gach neach agaibh ciamar a ghleidheas e a shoitheach fhèin ann an naomhachd is urram;
5
chan ann ann an droch mhiann an t‑sainnt, eadhon mar a tha na Cinnich cuideachd aig nach eil eòlas air Dia;
6
gun neach a bhith a' peacachadh 's a' gabhail brath air a bhràthair san nì seo, oir is e Aon a pheanasaicheas a th' anns an Tighearna, a thaobh nan rudan seo gu lèir, eadhon mar a thuirt sinn ribh roimhe 's air an tug sinn làn‑fhianais.
7
Oir cha do ghairm Dia sinn gu neòghlaine, ach ann an naomhachd.
8
Mar sin an neach a dhiùltas seo chan e duine a tha e a' diùltadh ach Dia, Esan a tha cuideachd air a Spiorad Naomh fhèin a thoirt dhuibh.
9
A‑nis a thaobh gràidh bràthaireil chan eil feum agaibhse gun sgrìobh mi thugaibh, oir tha sib' fhèin air ur teagasg le Dia gus càch‑a‑chèile a ghràdhachadh.
10
Oir gu dearbh tha sibh ga dhèanamh ris na bràithrean gu lèir a th' ann am Macedònia air fad. Ach tha sinn gur misneachadh a bhràithrean, gus meudachadh gu mòr ann.
11
Agus gum bi e na àrd‑amas agaibh a bhith beò gu sìtheil agus a bhith a' dèanamh na rudan a bhuineas dhuib' fhèin, agus a bhith ag obair ler làmhan fhèin, eadhon mar a dh'òrdaich sinn dhuibh.
12
Airson 's gum bi sibh beò gu cothromach riuthasan a th' air an taobh a‑muigh agus nach bidh feum agaibh air sìon.
13
Cha bu toigh leinn a‑nis gum biodh sibh aineolach a bhràithrean, mun fheadhainn a tha nan cadal, airson 's nach bi sibh tùrsach eadhon mar a tha an còrr aig nach eil dòchas.
14
Oir ma tha sinn a' creidsinn gun do bhàsaich Ìosa agus gun do dh'èirich e, mar sin cuideachd bheir Dia iadsan a tha nan cadal, thuige fhèin, tro Ìosa.
15
Oir 's e seo a tha sinn ag ràdh ribh, le facal Dhè, nach bi sinne a bhios beò agus a' mhaireas gu tighinn an Tighearna, idir air thoiseach orrasan a tha nan cadal.
16
Oir thig an Tighearna fhèin, le èigh òrduigh, le guth an àrd‑aingil agus le trompaid Dhè, a‑nuas o nèimh, agus èiridh na mairbh ann an Crìosd an toiseach.
17
An uair sin bidh sinne a tha beò agus a' mhaireas, air ar glacadh suas còmhla riuthasan sna sgòthan, gus coinneachadh ris an Tighearna san adhar; agus mar sin bidh sinn còmhla ris an‑còmhnaidh.
18
Mar sin, misnichibh càch‑a‑chèile leis na faclan seo.
← Chapter 3
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 5 →
All chapters:
1
2
3
4
5