bible
ra
🌐 Language
English
Español
Français
Deutsch
Português
Italiano
Nederlands
Русский
中文
日本語
한국어
العربية
Türkçe
Tiếng Việt
ไทย
Indonesia
All Languages
Home
/
Gaelic
/
Gaelic (Scottish) (An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017 )
/
2 John 1
2 John 1
Gaelic (Scottish) (An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017 )
Jump to:
Chapter 1
1
An t‑èildear, Chun na baintighearna thaghte agus a cuid chloinne, air a bheil gràdh agam ann am fìrinn, agus chan e mise a‑mhàin, ach cuideachd iadsan uile aig a bheil eòlas air an fhìrinn,
2
air sgàth na fìrinne a tha a' fantainn annainn, agus a bhios còmhla rinn gu sìorraidh.
3
Gu robh gràs, tròcair agus sìth còmhla rinn o Dhia an t‑Athair agus o Ìosa Crìosd, Mac an Athar, ann am fìrinn agus ann an gràdh.
4
Rinn mi gàirdeachas mòr on a fhuair mi cuid dhem chloinn‑sa a' coiseachd san fhìrinn mar a fhuair sinn àithne on Athair.
5
Agus tha mi a‑nis a' guidhe ort, a bhaintighearna, nach ann mar àithne ùr a tha mi a' sgrìobhadh thugad, ach an tè a bh' againn on toiseach, gum bu chòir dhuinn càch‑a‑chèile a ghràdhachadh.
6
Agus is e seo gràdh, gum bu chòir dhuinn coiseachd a rèir àithntean‑san. 'S e seo an àithne, eadhon mar a chuala sibh on toiseach, gun coisicheadh sibh innte.
7
Oir thàinig mòran mhealltairean a‑steach dhan t‑saoghal, chan eil iadsan ag aideachadh tighinn Ìosa Crìosd san fheòil — 's e an neach seo am mealltair agus an t‑ana‑crìosd.
8
Thoiribh an aire nach caill sibh na dh'obraich sinn air a shon, ach gum faigh sibh làn‑dhuais.
9
Neach sam bith a thèid ro fhada agus nach fan ann an teagasg Chrìosd — chan eil Dia aige; an neach a dh'fhanas san teagasg, tha an dà chuid, an t‑Athair agus am Mac, aigesan.
10
Ma thig neach sam bith thugaibh agus nach toir e leis an teagasg seo, na gabhaibh a‑steach dhur taigh e, agus na cuiribh fàilte air.
11
Oir tha compàirt aig an neach a chuireas fàilte air, anns na droch obraichean aige.
12
Tha mòran rudan agam ri sgrìobhadh thugaibh, ach chan eil mi airson pàipear is dubh a chosg. Agus tha dòchas agam tighinn thugaibh agus bruidhinn ribh aghaidh ri aghaidh airson 's gum bi ar sòlas làn.
13
Tha clann do pheathar thaghte a' cur bheannachdan thugad.
Jump to:
Chapter 1
All chapters:
1