bible
ra
🌐 Language
English
Español
Français
Deutsch
Português
Italiano
Nederlands
Русский
中文
日本語
한국어
العربية
Türkçe
Tiếng Việt
ไทย
Indonesia
All Languages
Home
/
Gaelic
/
Gaelic (Scottish) (An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017 )
/
2 Peter 1
2 Peter 1
Gaelic (Scottish) (An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017 )
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 2 →
1
Sìmon Peadar, seirbheiseach is abstol Ìosa Crìosd, Thucasan a th' air an aon chreideamh phrìseil rinne fhaighinn, tro fhìreantachd ar Dè agus ar slànaigheir Ìosa Crìosd:
2
Gràs dhuibh agus sìth — gum biodh iad air am meudachadh dhuibh ann an eòlas ar Dia agus Ìosa ar Tighearna.
3
Chaidh gach nì a thoirt dhuinne mar thiodhlac, tron chumhachd dhiadhaidh aigesan, airson beatha is diadhaidheachd, tro eòlas airsan a ghairm sinn gu a ghlòir fhèin agus gu sàr‑mhathais.
4
Thug e dhuinne na geallaidhean mòra is prìseil, gus, tromhpa sin, gum biodh sibh nar luchd‑compàirt dhen nàdar diadhaidh, seach gun do theich sibh às on choirbteachd a th' anns an t‑saoghal tro ana‑miann.
5
Agus cuideachd airson an dearbh adhbhair seo, a' dèanamh ur n‑uile dhìcheall, cuiribh deagh‑bheus ri ur creideimh, agus ri deagh‑bheus, eòlas,
6
agus ri eòlas, fèin‑smachd, agus ri fèin‑smachd, leanaltas, agus ri leanaltas, diadhaidheachd,
7
agus ri diadhaidheachd, gràdh‑bràthaireil, agus ri gràdh‑bràthaireil, gaol.
8
Oir le na rudan seo a bhith annaibh 's a' meudachadh, bheir iad oirbh gun a bhith leisg no neo‑thorrach ann an eòlas ar Tighearna Ìosa Crìosd.
9
Oir esan aig nach eil iad seo, tha e dall, geàrr‑sheallach, air dìochuimhneachadh gun deach a ghlanadh o a sheann pheacaidhean.
10
An àite sin, a bhràithrean, bithibh buileach dìcheallach airson ur gairm 's ur taghaidh a dhèanamh cinnteach, oir ann a bhith a' dèanamh na rudan seo, cha tuislich sibh idir.
11
Oir mar sin thèid slighe a‑steach do rìoghachd shìorraidh ar Tighearna 's ar Slànaigheir Ìosa Crìosd, a sholarachadh dhuinn gu saidhbhir.
12
Air an adhbhar sin, tha dùil agam an‑còmhnaidh na rudan seo a chur nur cuimhne, eadhon ged a tha eòlas agaibh orra agus sibh air ur suidheachadh san fhìrinn a tha an làthair.
13
Ach tha mi ga mheas ceart, cho fad 's a tha mi sa phàillean seo, ur brosnachadh le cuimhneachan,
14
is fios agam gu bheil an t‑àm airson a' pàillein seo a chur dhìom faisg, dìreach mar a rinn ar Tighearna Ìosa Crìosd soilleir dhomh.
15
Agus nì mi a h‑uile dìcheall an‑còmhnaidh, gum bi na rudan seo agaibh nur cuimhne às dèidh dhomh fàgail.
16
Oir cha b' iad sgeulachdan a chaidh a chruthachadh gu h‑innleachdach a lean sinn, nuair a rinn sinne cumhachd is tighinn ar Tighearna Ìosa Crìosd aithnichte dhuibh, ach bha sinn nar sùil‑fhianaisean air a mhòrachd‑san.
17
Oir a' faighinn urram agus glòir o Dhia an t‑Athair, thàinig a leithid de ghuth thuige on ghlòir òirdheirc, “Is e seo mo Mhac gràdhaichte, leis a bheil mi fìor thoilichte.”
18
Agus chuala sinn an guth seo o nèamh, nuair a bha sinn còmhla ris air a' bheinn naomh.
19
Agus tha facal fàidheadaireachd nas cinntiche againne, 's nì sibhse math aire a thoirt dha, mar do lampa a tha a' deàlradh ann an àite dorcha, gus am bris an latha agus gus an èirich reul na maidne nur cridheachan.
20
Biodh fios agaibh air a seo an toiseach, nach eil fàidheadaireachd sam bith sna Sgriobtaran o fhèin‑mhìneachadh dhaoine.
21
Oir cha b' ann le toil duine a chaidh fàidheadaireachd a thoirt a‑mach aig àm sam bith, ach, air an giùlain leis an Spiorad Naomh, bhruidhinn daoine o Dhia.
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 2 →
All chapters:
1
2
3