bible
ra
🌐 Language
English
Español
Français
Deutsch
Português
Italiano
Nederlands
Русский
中文
日本語
한국어
العربية
Türkçe
Tiếng Việt
ไทย
Indonesia
All Languages
Home
/
Gaelic
/
Gaelic (Scottish) (An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017 )
/
2 Thessalonians 2
2 Thessalonians 2
Gaelic (Scottish) (An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017 )
← Chapter 1
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 3 →
1
A‑nis tha sinn ag iarraidh oirbh a bhràithrean, a thaobh tighinn ar Tighearna Ìosa Crìosd, agus ar cruinneachadh thuige,
2
nach bi sibh ro luath air ur crathadh o ur n‑inntinn, no air ur clisgeadh, biodh e le spiorad no le facal no le litir, mar gum biodh i uainne, mar gun robh latha an Tighearna air tighinn.
3
Na biodh neach agaibh air a mhealladh ann an dòigh sam bith, oir cha tig e mura tig an t‑àicheadh‑creideamh an toiseach, agus mura tèid an duine lagh‑dhiùltach — mac an sgrios — a nochdadh;
4
esan a shuidhicheas e fhèin an aghaidh agus a dh'àrdaicheas e fhèin os cionn a h‑uile nì a thèid ainmeachadh mar dhia no mar chuspair adhraidh, air chor 's gun suidh e e fhèin ann an teampall Dhè, a' cumail a‑mach gur esan Dia.
5
Nach eil cuimhne agaibh, fhad 's a bha mi còmhla ribh, gun robh mi ag innse na rudan seo dhuibh?
6
Agus a‑nis 's aithne dhuibh dè a tha ga chumail air ais, gus am bi e air a nochdadh na àm fhèin.
7
Oir tha dìomhaireachd an lagh‑dhiùltaidh mu thràth ag obair, ach am fear a tha ga chumail a‑nis, nì e sin gus an tèid a thoirt às an rathad.
8
Agus an uair sin thèid fear an lagh‑dhiùltaidh fhoillseachadh, agus marbhaidh an Tighearna Ìosa e le anail a bheòil, agus sgriosaidh e le sealladh a thighinn fhèin e,
9
esan a tha a' tighinn a rèir obrachadh Shàtain, leis a h‑uile seòrsa cumhachd is comharra is mìorbhail bhreugach,
10
agus leis a h‑uile mealladh mì‑fhìreanta dhan fheadhainn a tha gan sgrios, a chionn 's nach do ghabh iad ri gràdh na fìrinne, airson an sàbhaladh.
11
Agus air sgàth sin cuiridh Dia thuca mealladh èifeachdach gus an creid iad a' bhreug.
12
Airson 's gun deigheadh breith a thoirt orrasan uile nach do chreid an fhìrinn, ach a ghabh tlachd ann an eucoir.
13
Ach bu chòir dhuinne taing a thoirt do Dhia an‑còmhnaidh dhar taobh‑se, a bhràithrean ghràdhaichte leis an Tighearna, oir thagh Dia sibh mar chiad‑thoradh, airson sàbhalaidh ann an naomhachadh an Spioraid agus creideimh san fhìrinn,
14
dhan do ghairm e sibh cuideachd, tron t‑soisgeul againne, airson glòir ar Tighearna Ìosa Crìosd a shealbhachadh.
15
Mar sin a‑nis a bhràithrean, seasaibh daingeann agus gleidhibh na rudan sin a chaidh a theagasg dhuibh, ged a bhiodh sin le aithris no le litir uainne.
16
A‑nis, ar Tighearna fhèin, Ìosa Crìosd, agus Dia ar n‑Athair, a ghràdhaich sinn agus a thug cofhurtachd shìorraidh is dòchas math dhuinn tro ghràs,
17
misnicheadh e ur cridheachan agus stèidhicheadh e sinn sa h‑uile h‑obair is facal math.
← Chapter 1
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 3 →
All chapters:
1
2
3