bible
ra
🌐 Language
English
Español
Français
Deutsch
Português
Italiano
Nederlands
Русский
中文
日本語
한국어
العربية
Türkçe
Tiếng Việt
ไทย
Indonesia
All Languages
Home
/
Gaelic
/
Gaelic (Scottish) (An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017 )
/
3 John 1
3 John 1
Gaelic (Scottish) (An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017 )
Jump to:
Chapter 1
1
An t‑èildear, Gu Gaius gràdhach, air a bheil gràdh agam ann am fìrinn.
2
Fhir ghràdhaichte, tha mi ag ùrnaigh mun a h‑uile sìon, gu soirbhich thu agus gum bi deagh shlàinte agad, eadhon mar a shoirbhicheas d' anam.
3
Rinn mi mòran toileachas nuair a thàinig bràithrean agus a thug iad fianais mun fhìrinn agad, dìreach mar a tha thu a' coiseachd anns an fhìrinn.
4
Chan eil toileachadh nas motha na sin agam, gun cluinninn gu bheil mo chlann a' coiseachd anns an fhìrinn.
5
Fhir ghràdhaichte, tha thu a' dèanamh gu dìleas na nì thu airson nam bràithrean agus airson nan coigreach,
6
thug iadsan fianais air do ghràdh mu choinneamh na h‑eaglaise. Nì thu math le bhith gan cur air adhart ann an dòigh a tha airidh air Dia.
7
Oir chaidh iad a‑mach air sgàth an Ainm, gun sìon a ghabhail o na cinnich.
8
Mar sin, bu chòir dhuinne gabhail ri an leithidean sin, airson 's gum bi sinn nar co‑luchd‑obrach dhan fhìrinn.
9
Sgrìobh mi rudeigin chun na h‑eaglaise, ach cha do ghabh Diotrephes, leis am miann a bhith na cheannard orra, rinne.
10
Mar sin, ma thig mi, cuiridh mi an cuimhne na gnìomhan a tha e a' dèanamh, gar càineadh le faclan olca, agus air sgàth 's nach eil sin a' fòghnadh dha, chan eil e fhèin a' gabhail ris na bràithrean agus tha e gam bacadh‑san a tha a' gabhail riutha, agus gan tilgeil a‑mach às an eaglais.
11
Fhir ghràdhaichte, na dèan atharrais air na tha olc, ach air na tha math. Tha esan a tha a' dèanamh math o Dhia; chan fhaca esan a tha a' dèanamh an t‑olc Dia.
12
Chaidh deagh fhianais a thoirt leis a h‑uile neach air Demetrius, agus leis an fhìrinn fhèin; tha sinne cuideachd a' toirt fianais, agus tha fios agad gu bheil ar fianais fìor.
13
Bha mòran rudan agam ri sgrìobhadh thugad, ach chan eil mi ag iarraidh sgrìobhadh thugad le dubh is peann,
14
tha mi an dòchas d' fhaicinn a dh'aithghearr agus bruidhinnidh sinn aghaidh ri aghaidh.
15
Sìth leat. Tha na càirdean a' cur fàilte thugad. Cuir fàilte air na càirdean air an ainm.
Jump to:
Chapter 1
All chapters:
1