bible
ra
🌐 Language
English
Español
Français
Deutsch
Português
Italiano
Nederlands
Русский
中文
日本語
한국어
العربية
Türkçe
Tiếng Việt
ไทย
Indonesia
All Languages
Home
/
Gaelic
/
Gaelic (Scottish) (An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017 )
/
James 4
James 4
Gaelic (Scottish) (An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017 )
← Chapter 3
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 5 →
1
Dè a tha ag adhbharachadh chogaidhean is shabaidean nur measg? Nach e seo e, gu bheil ur n‑ana‑miannan a' cogadh nur buill?
2
Tha sibh a' miannachadh 's chan eil sìon agaibh: tha sibh a' murt, 's a' sanntachadh, 's chan urrainn dhuibh dad fhaighinn: tha sibh a' sabaid agus a' cogadh. Chan eil sìon agaibh, air sgàth 's nach eil sibh ag iarraidh.
3
Tha sibh ag iarraidh 's chan eil sibh a' faighinn a chionn 's gu bheil sibh ag iarraidh gu h‑olc, airson a chosg air ur n‑ana‑miannan fhèin.
4
A dhaoine adhaltranacha! Nach eil fios agaibh gu bheil càirdeas ris an t‑saoghal na nàimhdeas do Dhia? Mar sin ge b' e cò a tha ag iarraidh a bhith na charaid dhan t‑saoghal, tha e ga dhèanamh fhèin na nàmhaid do Dhia.
5
No a bheil sibh a' smaoineachadh gur ann gun adhbhar a tha an Sgriobtar ag ràdh, “Tha miann farmadach air Dia a thaobh an spioraid a chuir e annainn”?
6
Ach tha e a' toirt barrachd gràis. Mar sin tha e ag ràdh: “Tha Dia a' cur an aghaidh na feadhna a tha pròiseil, ach bheir a gràs dhaibhsan a tha iriosal.”
7
Ùmhlaichibh sib' fhèin mar sin do Dhia. Seasaibh an aghaidh an diabhail, agus teichidh e uaibh.
8
Dlùthaichibh ri Dia, agus dlùthaichidh esan ribhse. Glanaibh ur làmhan, a pheacaich, agus fìor‑ghlanaibh ur cridheachan, sibhse a tha dà‑bhairaileach.
9
Bithibh tùrsach is dèanaibh bròn is caoineadh; biodh ur gàire air a thionndadh gu caoidh 's ur n‑aoibhneas gu gruaim.
10
Irioslaichibh sib' fhèin an làthair an Tighearna, agus àrdaichidh esan sibh.
11
Na bruidhinnibh an aghaidh a chèile, a bhràithrean. Ge b' e cò a bhruidhneas an aghaidh bràthar no a tha a' toirt breith air a bhràthair, tha e a' bruidhinn an aghaidh an lagha 's a' toirt breith air an lagh; ach ma tha thu a' toirt breith air an lagh, chan eil thu nad neach‑cumail an lagha ach nad bhritheamh air.
12
Chan eil ach aon reachdadair is britheamh ann — esan a tha comasach air sàbhaladh 's air sgrios. Cò thusa a tha a' toirt breith air do choimhearsnach?
13
Èistibh rium, sibhse a tha ag ràdh, “An‑diugh no a‑màireach thèid sinn gu a leithid seo de bhaile is fanaidh sinn bliadhna an sin agus nì sinn marsantachd is nì sinn prothaid.”
14
Chan eil sìon a dh'fhios agaibhse ciamar a bhios ur beatha a‑màireach. Oir tha sibh mar cheò a nochdas airson greis 's an uair sin a thèid à sealladh.
15
An àite sin, bu chòir dhuibh a ràdh, “Mas e toil an Tighearna e, bidh sinn beò is nì sinn siud no seo.”
16
Ach mar a tha, tha sibh a' bòstadh nur n‑àrdan. Tha a h‑uile seòrsa bòstaidh sin olc.
17
Mar sin, an neach aig a bheil eòlas air nì ceart a dhèanamh, agus nach dèan e, dhàsan tha e na pheacadh.
← Chapter 3
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 5 →
All chapters:
1
2
3
4
5