bible
ra
🌐 Language
English
Español
Français
Deutsch
Português
Italiano
Nederlands
Русский
中文
日本語
한국어
العربية
Türkçe
Tiếng Việt
ไทย
Indonesia
All Languages
Home
/
Gaelic
/
Gaelic (Scottish) (An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017 )
/
John 17
John 17
Gaelic (Scottish) (An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017 )
← Chapter 16
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 18 →
1
Nuair a bha Ìosa air na rudan seo a ràdh, sheall e suas gu nèamh agus thuirt e, “Athair, thàinig an uair. Glòraich do Mhac, airson 's gun glòraich do Mhac thusa.
2
Oir thug thu ùghdarras dha thairis air gach feòil, airson 's gun toireadh e a' bheatha shìorraidh dha na h‑uile a thug thu dha.
3
Agus is i seo a' bheatha shìorraidh, gum biodh eòlas aca ortsa an t‑aon Dia fìor, agus airsan a chuir thu a‑mach, Ìosa Crìosd.
4
Ghlòraich mise thusa air thalamh, às dèidh dhomh an obair a choileanadh a thug thu dhomh ri dèanamh.
5
Agus a‑nis, Athair, glòraich thusa mise cuide riut fhèin leis a' ghlòir a bha agam còmhla riut mun robh an saoghal ann.”
6
“Dh'fhoillsich mise d' ainm dha na daoine a thug thu dhomh a‑mach às an t‑saoghal. B' ann leatsa a bha iad agus thug thu dhòmhsa iad agus chùm iad d' fhacal.
7
A‑nis tha fios aca gur ann uatsa a tha a h‑uile rud a thug thu dhòmhsa.
8
Oir tha mi air na briathran a thug thusa dhomh a thoirt dhaibh, agus tha iad air an sealbhachadh agus air tighinn gus a bhith a' tuigsinn, ann am fìrinn, gun tàinig mi uatsa, agus tha iad air creidsinn gur tusa a chuir a‑mach mi.
9
Tha mi ag ùrnaigh air an son‑san. Chan eil mi ag ùrnaigh airson an t‑saoghail, ach air an son‑san a thug thu dhomh; oir is ann leatsa a tha iad.
10
Is ann leatsa a tha a h‑uile rud as leamsa, agus is ann leamsa a tha na rudan as leatsa, agus tha mi air mo ghlòrachadh annta.
11
Chan eil mise tuilleadh anns an t‑saoghal, ach tha iadsan anns an t‑saoghal, agus tha mise a' tighinn thugadsa. Athair naoimh, cùm iadsan nad ainm, a tha thu air a thoirt dhòmhsa, airson 's gum faod iad a bhith nan aon mar a tha sinne.
12
Fhad 's a bha mise còmhla riutha, chùm mi iad nad ainm‑sa, a tha thu air a thoirt dhomh. Tha mi air an gleidheadh, agus cha deach aon dhiubh a chall ach mac an sgrios, airson 's gum biodh an Sgriobtar air a choileanadh.
13
“Ach a‑nis tha mi a' tighinn thugadsa, agus tha mi ag ràdh na rudan seo anns an t‑saoghal, airson 's gum faod m' aoibhneas a bhith air a choileanadh annta fhèin.
14
Tha mi air d' fhacal a thoirt dhaibh, agus bha fuath aig an t‑saoghal dhaibh a chionn 's nach ann dhen t‑saoghal a tha iad, dìreach mar nach eil mise dhen t‑saoghal.
15
Chan eil mi ag iarraidh gun toir thu às an t‑saoghal iad, ach gun cùm thu iad on aon a tha olc.
16
Chan eil iadsan dhen t‑saoghal, dìreach mar nach eil mise dhen t‑saoghal.
17
Naomhaich iad anns an fhìrinn; is e d' fhacal‑sa an fhìrinn.
18
Mar a chuir thusa mise a‑steach dhan t‑saoghal, mar sin chuir mise iadsan a‑steach dhan t‑saoghal.
19
Agus air an son‑san tha mise gam naomhachadh fhèin, airson 's gum bi iadsan cuideachd air an naomhachadh ann am fìrinn.”
20
“Chan eil mi ag ùrnaigh air an son‑san a‑mhàin, ach cuideachd airson na feadhna sin a chreideas annamsa tro am facal‑san,
21
airson 's gum bi iad uile nan aon; dìreach mar a tha thusa, Athair, annamsa, agus mise annadsa, gum bi iadsan cuideachd annainne, airson 's gun creideadh an saoghal gun do chuir thusa a‑mach mi.
22
Thug mise dhaibhsan a' ghlòir a thug thusa dhòmhsa, airson 's gum faod iad a bhith nan aon mar a tha sinne nar n‑aon.
23
Mise anntasan, agus thusa annamsa, airson 's gun tigeadh iad gus a bhith nan aon gu coileanta, airson 's gun urrainn fios a bhith aig an t‑saoghal gun do chuir thusa a‑mach mi agus gun do ghràdhaich thu iadsan mar a ghràdhaich thu mise.
24
“Athair, is miann leam cuideachd gum biodh iadsan a thug thu dhomh còmhla rium far a bheil mise, airson 's gum faiceadh iad mo ghlòir a tha thusa air a thoirt dhomh a chionn 's gun do ghràdhaich thusa mi mus deach bunaitean an t‑saoghail a stèidheachadh.
25
“O Athair ionraic, fiù 's ged nach aithne dhan t‑saoghal thusa, is aithne dhòmhsa thu, agus is aithne dhan fheadhainn seo gun do chuir thusa a‑mach mi.
26
Dh'fhoillsich mise d' ainm dhaibh, agus cumaidh mi orm ga fhoillseachadh, airson 's gum bi an gràdh leis an do ghràdhaich thu mise anntasan, agus mise annta.”
← Chapter 16
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 18 →
All chapters:
1
2
3
4
5
6
7
8
9
10
11
12
13
14
15
16
17
18
19
20
21